Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùram-chloinne

Tha ionad cùram-cloinne, air a bheil Fàs Mòr, suidhichte ann an togalach Fàs aig Àrainn Chaluim Chille.

'S e goireas sònraichte, cofhurtail a tha ann, far am faigh clann cùram ann an àrainneachd shàbhailte, bheothail  is mas e pàrant a tha annad, faodaidh tu a bhith toilichte an t-seirbheis seo a chleachdadh fhad 's a tha thu fhèin san t-seòmar-teagaisg.

Tha Fàs Mòr na chom-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus a' choimhearsnachd ionadail. 'S ann tro mheadhan na Gàidhlig a thèid cùram-cloinne a thabhann. Tha cùram fad an latha ri fhaighinn do chlann suas gu trì bliadhna a dh'aois; faodaidh clann aois trì is ceithir Fàs Mòr a fhrithealadh ro sgoil-àraich 's às a dèidh; agus thèid cùram an dèidh na sgoile agus club shaor-làithean a thabhann do chlann suas gu aois 12.

Bidh measgachadh de ghnothaichean eile a' ruith às dèidh na sgoile. Nam measg, tha club Karate, air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Ma bhios tu ag iarraidh cuideachadh le cosgaisean, ma dh'fhaoidte gum bi creideasan cìse ri fhaotainn, bho Thabhartas fo Ùghdarras na Colaiste no comataidh sgoilearachd na Colaiste.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh thoir sùil air làrach-lìn Fàs Mòr http://www.fasmor.co.uk no cuir fòn gu 01471 888 366.