Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seirbheis Chomhairleachaidh

Faodaidh oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig 3 seirbheisean comhairleachaidh a chleachdadh ann an dìomhaireachd:

  • SMO Comhairleachadh aghaidh-ri-aghaidh air an làraich
  • OGE Seirbheis chomhairleachaidh air-loidhne air post-d no Skype (teacsa)
  • SMO Comhairleachadh air-loidhne air post-d no Skype (teacsa)

'S e comhairleachadh aghaidh-ri-aghaidh as fhreagarraiche do dh'oileanaich air an làraich. Mas e oileanach air astar a th' annad ach a' fuireach san sgìre, faodaidh tu an t-seirbheis chomhairleachaidh aghaidh-ri-aghaidh a chleachdadh. Tha an tuilleadh fiosrachaidh mun t-seirbheis seo ri fhaighinn an seo: http://www.smo.uhi.ac.uk/files/PDFs/billingual_leaflet-V3.pdf

Faodaidh luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig an t-seirbheis seo a chleachdadh cuideachd.

Mar chom-pàirtiche foghlaim OGE, faodaidh oileanaich Sabhal Mòr Ostaig Seirbheis Chomhairleachaidh Air-loidhne OGE a chleachdadh. Tha an tuilleadh fiosrachaidh an seo:

https://www.uhi.ac.uk/en/students/support/online-counselling

Tha Seirbheis Chomhairleachaidh Air-loidhne aig Sabhal Mòr Ostaig ri thabhann gu sònraichte dha oileanaich air astar, nach urrainn an t-seirbheis aghaidh-ri-aghaidh a chleachdadh, ach ma tha thu nad oileanach air an làraich, 's dòcha gum biodh e na b' fhasa dhuibh seirbheis chomhairleachaidh a chleachdadh aig uair agus ann an àite a fhreagras ort fhèin.

Faodaidh luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig an t-seirbheis seo a chleachdadh cuideachd.

Tha comhairleachadh ri thabhann an-dràsta ann an sgrìobhadh a-mhàin air post-d no air brath-teacsa air Skype.

Ma thaghas tu post-d, cuiridh sinn sreath phost-d air dòigh agus faodaidh tu na puist-d agad a sgrìobhadh aig uair is ann an àite a fhreagras ort fhèin. Gheibh thu freagairt, mar as àbhaist, uair san t-seachdain.

Ma thaghas tu Skype, bhitheamaid a' sgrìobhadh a chàch a chèile aig a' cheart àm, coltach ri obair aghaidh-ri-aghaidh ach sinn a' sgrìobhadh an àite bruidhinn ri chèile.

Bhiodh comhairleachadh air-loidhne uaireannan freagarrach anns na suidheachaidhean a leanas:

  • ag iarraidh atharrachaidh
  • cron: inntinn, corporra, no drabasta – a thachair no a tha a' tachairt fhathast
  • iomagain
  • ionndrainn an dèidh bàis
  • burraidheachd
  • trom-inntinn
  • faireachdainnean toinnte a leithid fearg, eud, farmad agus nàire
  • càirdeasan
  • fèin-luach agus/no misneachd
  • taobhachd feise agus gnè
  • uallach
  • cùisean ceangailte ris an obair rannsachaidh agad, d' obair no do bheatha.

Bidh e feumail ……

  • ma tha e a' còrdadh riut a bhith a' sgrìobhadh air brath-teacsa no coimpiutair
  • mas fheàrr leat beagan ùine a ghabhail a' meòrachadh air dè tha thu airson a ràdh agus air na còmhraidhean
  • mura tèid agad air seiseanan aghaidh-ri-aghaidh le comhairliche a fhrithealadh
  • ma tha thu airson na liostaichean feitheimh a sheachnadh

'S dòcha nach biodh comhairleachadh air-loidhne freagarrach airson daoine a tha fo smuaintean fèin-mharbhtach agus bhite a' moladh gun cuireadh tu fios dha na buidhnean a leanas:

Samaritans: 116 123 http://www.samaritans.org/

Breathing Space: 0800 83 85 87 http://breathingspace.scot/

Nam bu mhath leat barrachd fios fhaighinn air comhairleachadh - aghaidh-ri-aghaidh no air-loidhne - nach cuir thu fios don chomhairliche aig Sabhal Mòr Ostaig, Sheila M. Hamilton, air fòn: 01471 888303 no post-d: smh.smo@uhi.ac.uk

 

  Seirbheis Chomhairleachaidh SMO

 

Seirbheis Chomhairleachaidh Air Loidhne OGE 2016

http://www.uhi.ac.uk/en/students/support