Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sgoilearachd 2019

Mas e oileanach ùr air CertHE no cùrsa fo-cheuma a th’ annad a’ tòiseachadh san t-Sultain aig Sabhal Mòr Ostaig, faodaidh tu iarrtas a chur a-steach airson sgoilearachd de £1000 not airson do chuideachadh le cosgaisean bith-beò. Feumaidh tu a bhith eadar 17-25 bliadhna a dh’aois agus a’ frithealadh cùrsa làn-ùine air làrach na Colaiste ann an 2019-20.

Freagarrachd / Cumhaichean

Feumaidh oileanaich na cumhaichean a leanas a choileanadh mus bithear air am meas freagarrach airson na sgoilearachd seo:

  • Eadar 17-25 bliadhna a dh’aois aig 31 Lùnastal 2019
  • Clàraichte air CertHE no cùrsa fo-cheuma anns an t-Sultain 2019
  • A’ dèanamh cùrsa làn-ùine air làrach SMO (agus nach eil clàraichte mar oileanach air cùrsa ceuma aig oilthigh eile)
  • Ùr gu làrach SMO (chan fhaodar a bhith mar oileanach aig SMO air cùrsa làn-ùine air làrach na Colaiste sna 5 bliadhna a dh’fhalbh)
  • Air adhartas is dìcheall a thaisbeanadh anns a’ chùrsa aca aig an àm a thèid an sgoilearachd a phàigheadh
  • A’ cumail ri Poileasaidhean is Riaghailtean SMO gu lèir, a’ gabhail a-steach poileasaidh Gàidhlig na Colaiste - http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/colaiste/plana-canain-agus-poileasaidh/

Thèid an t-airgead a phàigheadh mar a leanas:

  • £500 aig àm na Nollaige
  • £500 aig àm na Càisge
  • Chan fhaighear an Sgoilearachd seo ach air a’ chiad bhliadhna de chùrsa an t-Sabhail.

Bidh suas ri 8 bursaraidhean rim faighinn ann am 2019-20 le taic bho Urras Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig. Thèid iarrtasan a mheas le Comataidh Sgoilearachd an t-Sabhail a-rèir susbaint an iarrtais.

Ceann-latha airson iarrtasan: 31 An Lùnastal 2019. Thèid fios a sgaoileadh don luchd-iarrtais tràth san t-Sultain. 

Gheibh sibh foirm iarrtais gu h-ìosal.

Foirm iarrtais Sgoilearachd (DOC)

  Foirm iarrtais Sgoilearachd (PDF)