Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Slàinte

Ged a tha thu aig colaiste, 's e comhairle agus fiosrachadh mu do shlàinte a gheibh thu seach rabhaidhean. 'S ann agad fhèin a tha an taghadh a thaobh slàinte, dòigh-beatha is ciamar a bhios tu a' cumail fallain.

Gheibh thu a-mach ciamar a bhios deoch-làidir no biadh mì-fhallain a' dèanamh cron air do shlàinte, is thèid fiosrachadh a thabhann dhut mu dheidhinn dhrugaichean is an lagh. Tha e an urra riut fhèin dè nì thu ach tha a h-uile cothrom ann airson comhairle a lorg is na co-dhùnaidhean ceart dhut fhèin a ruighinn.

Mar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, bhiodh e iomchaidh a bhith a' clàradh aig Ionad Slàinte Shlèite, dìreach 10 mionaid  bhon Cholaiste, far am faigh thu taic mheidigeach sam bith a dh'€™fhaodadh a bhith a dhìth.

Tha iomadh cothrom ann airson beatha fhallain a thòiseachadh no a chumail suas tro eacarsaich oir tha buidhnean mar club karate aig a' Cholaiste '€“ faodaidh oileanaich buidhnean cur-seachad eile a stèidheachadh '€“ agus tha amar-snàmh sa Chaol agus spòrs mar badminton, iomain agus ball-coise '€“ air raon Bun-sgoil Shlèite le cead a-mhàin '€“ gan cluich faisg air làimh.

Tha cabhsairean is slighean sàbhailte faisg air Sabhal Mòr Ostaig airson coiseachd agus baidhseagalan.

Ma dh'€™fhaoidte gum bi na dàimhean pearsanta agad ag atharrachadh fhad 's a bhios tu aig a' Cholaiste, is tha fiosrachadh dìomhair air slàinte feise is càirdeasan ri fhaotainn cuideachd.

Tha slàinte inntinn gu math cudromach '€“ tha deagh shuidheachadh inntinn a' ciallachadh gun tèid agad air do làn chomas a thoirt gu buil ann am beatha is obair, is tha comhairle mu dhuilgheadasan slàinte inntinn ri fhaighinn bho Sheirbheis Taic Oileanaich.

Cuideachd, tha sinn a' cur taic ri oileanaich a thaobh creideamh sam bith no nach eil a' leantainn creideamh idir, oir tha sinn a' tuigsinn ciamar a dh'€™fhaodadh creideamh taic a thoirt dhut nad bheatha.

Tha do shlàinte an urra riut fhèin ach bheir sinn taic is stiùireadh iomchaidh dhut.
 

Meningitius

'S e naidheachd mhòr a bhios ann nuair a bhios sgaoileadh den fhiabhrais eanchainne (meningitis) a' nochdadh am measg oileanach a dh'adhbharaicheas eagal mòr mun fhiabhras. A rèir poileasaidh ùr an Riaghaltais, bu chòir gun tèid banachdach an aghaidh an fhiabhrais eanchainne (meningitis C) a thabhann do dh'oileanaich ùr air a' chiad bhliadhna den oilthigh. Bu chòir do dh'oileanaich fios a chur don dotair aca airson banachdach a chur air dòigh.

http://www.uhi.ac.uk/en/students/meningitis-immunisation