Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Taic le Ciorram

Tha co-ionnanachd chothroman aig cridhe dòigh-obrach Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh gach oileanach an aon seirbheis a dh'€™aindeoin aoise, cinnidh, ciorraim, creideimh, datha, gnè, taobhadh feise no taobhadh poilitigeach.

Cuiridh sinn fàilte chridheil air iarrtasan bho dhaoine le ciorram, no aig a bheil feumlachdan taic a bharrachd. Tuigidh sinn gu bheil feadhainn le ciorram airson seo a chumail prìobhaideach '€“ ach ma dh'€™innseas tu dhuinn, faodaidh sinn an ìre as fheàrr de thaic a thabhann dhut.

Faodaidh tu fios a leigeil aig àm sam bith '€“ nuair a chuireas tu iarrtas a-steach, aig àm-clàraidh no fhad 's a tha an cùrsa a' dol le bhith bruidhinn ris an stiùiriche cùrsa no comhairliche foghlaim agad no ri sgioba Seirbheisean Taic Oileanach.

Gheibh gach oileanach fiosrachadh mu phoileasaidhean na Colaiste air co-ionnanachd chothroman is ciorram cho math ri fiosrachadh iomchaidh sam bith eile a dh'€™innseas dhut dè nì a' Cholaiste airson do chuideachadh.

Tuigidh sinn gu bheil e doirbh fios a leigeil mu chiorram, ach le bhith ag innse dhuinn bidh cothrom againn an ìre as àirde de thaic is cuideachadh a thoirt seachad.

Bheir seo cothrom dhuinn atharrachaidhean reusanta iomchaidh a dhèanamh air do shon ceangailte ri teagasg no àiteachan-fuirich; teicneolas cuideachail; barrachd cuideachaidh gus taic airgid fhaighinn; agus rèiteachadh sònraichte aig àm nan deuchainnean is mar sin air adhart.

Mas e duine le ciorram a tha annad, tha sinn a' moladh gum bruidhinn thu rinn mu dheidhinn cho luath 's a ghabhas.