Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tagraichean 2020/21

Tha sinn a’ cumail sùil gheur air an stiùireadh nàiseanta ri linn buaidh a’ Choronabhìoras agus a’ coimhead air dòighean gus taic a chumail riut leis an tagradh agad son 2020/21.

Tha sinn gu math tuigseach gur e suidheachadh gu tur neo-àbhaisteach a tha seo dhut agus gum bi ceistean is iomagain agad aig an àm dhùbhlanach seo, ach tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gus cùisean a chumail a’ dol dhut is gun tèid gnothaichean air adhart mar a bhiodh tu ag iarraidh.

Nì an Oifis Clàraidh cinnteach gun cùm iad orra ag obair gu dìcheallach air an tagradh agad agus a bhith a’ cumail fios riut air mar a tha dol leis. Leis gu bheil luchd-obrach a-nis ag obair bhon taigh, dh’fhaodadh gun toir seo beagan ùine is mar sin dh’iarrainn gum biodh tu foighidneach leinn aig an àm seo.

Dhuibhse a bha an dùil ri deuchainnean na sgoile a dhèanamh, nach eil a’ dol air adhart a-nis, tha sinn mothachail gur dòcha gu bheil seo air d’ fhàgail a’ faireachdainn an-fhoiseil. Faodaidh tu a bhith cinnteach ge-tà gum faigh thu comharra fhathast is gun tig barrachd fiosrachaidh a-mach mun a seo rè ùine.

Ma tha thu fhathast a’ feitheamh air agallamh, bidh sinn ann an conaltradh leat an dèidh saor-làithean na Càisge airson còmhradh neo-fhoirmeil agus, ma tha e freagarrach, airson ceann-là agallaimh a chur air dòigh.

Cuideachd, ma tha thu fhathast ag ionnsachadh na Gàidhlig agus ’s dòcha draghail mun ìre Gàidhlig aig a bheil thu, tha sinn a’ tuigsinn do shuidheachadh agus tha sinn a’ coimhead air ciamar a b’ urrainn dhuinn taic a bharrachd a chumail riut gus am bi thu deiseil son tòiseachadh còmhla rinn.

Tha Colaistean is Oilthighean air feadh na dùthcha a’ feitheamh air stiùireadh a bharrachd bhon Riaghaltais mu bhliadhna acadaimigeach 2020/21 agus leig sinn fios riut mu dheidhinn sin cho luath sa bhios e againn.

Anns an eadar-ama, tha Sabhal Mòr Ostaig – oileanaich, luchd-obrach, luchd-taic is coimhearsnachd an t-Sabhail Mhòir – fosgailte is tha sinn ag obair ann an dòighean cruthachail agus a’ cleachdadh teicneòlas is dòighean obrach ùra airson cùrsaichean is conaltradh an t-Sabhail a chumail a’ dol.

Thoir an aire ort fhèin is nì sinn fiughair ri bhith a’ cumail ann an conaltradh riut agus ri bhith a’ coinneachadh riut nuair a thig thu!