Taic Oileanaich
Mar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, bidh thu nad phàirt de choimhearsnachd chuideachail, chàirdeil far am bi taic phearsanta agus acadaimigeach ri fhaotainn air iomadh rud eadar slàinte, trioblaidean pearsanta, cùram-cloinne agus ionmhas. Tha seirbheisean oileanaich agus co-ionnanachd chothroman aig cridhe feallsanachd na Colaiste ' mar sin, bidh cothrom aig gach neach an làn chomasan a choileanadh.
Ma dh'fheumas tu fiosrachadh fhaighinn no ma tha thu airson rud sam bith a dheasbad gu dìomhair is gu prìobhaideach, tha Sgioba Seirbheisean Taic Oileanach ri fhaighinn làn-ùine aig a' Cholaiste gus fiosrachadh, stiùireadh, comhairle is taic a thoirt seachad.
Tha sinne airson an t-oileanach a chur aig cridhe beatha na Colaiste agus tha Seirbheisean Taic Oileanach ag amas air comhairle, stiùireadh agus fiosrachadh cothromach, neo-bhreithneachail, proifeiseanta a thabhann do dh'oileanaich a tha ann is a tha am beachd a thighinn air grunn chuspairean. Tha na seirbhisean againn rim faotainn do dhuine sam bith a dh'aindeoin aoise, cinnidh, ciorraim, creideimh, datha, gnè, taobhachd fheise no taobhachd phoilitigeach.