Seirbheis Chomhairleachaidh
Ma tha comhairle a dhìth ort, no ma tha rudeigin a' cur dragh ort is tha thu feumach air cluas a bhios ag èisteachd, tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann seirbheis chomhairleachaidh an-asgaidh do gach oileanach.
'S ann an dà chuid dìomhair is proifeiseanta is a tha an t-seirbheis seo, is teisteanasan oifigeil aithnichte aig a' chomhairliche. Gheibh thu cothrom airson na ceistean agad fhèin a fhreagairt gus am bi smachd agad air do bheatha.
Ma tha thu a' faireachdainn iomagaineach no ìosal, troimh-chèile no fo uallach, ma dh'fhaoidte gum faigh thu faochadh tro bhith a' cleachdadh na seirbheis chomhairleachaidh. Dh'fhaodadh tu cuideachadh iarraidh airson rud sam bith a tha a' cur dragh ort, a' gabhail a-steach rudan ceangailte ri obair na Colaiste no ris a' chùrsa agad, no ma tha trioblaidean dàimhe agad le caraidean, cèile no teaghlach.
Tha an t-seirbheis fosgailte dhan a h-uile neach, is gheibh gach oileanach an aon seirbheis a dh'aindeoin aoise, cinnidh, ciorraim, creideimh, datha, gnè, taobhadh feise no taobhadh poilitigeach.
Tha e cuideachd a' tachairt ann an àrainneachd shàbhailte, dhìomhair, earbsach còmhla ri comhairliche onarach, tuigseach agus neo-bhreithneachail.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh bho Sheirbheisean Taic Oileanaich air 01471 888 303 no air post-d