Slàinte
Ged a tha thu aig colaiste, 's e comhairle agus fiosrachadh mu do shlàinte a gheibh thu seach rabhaidhean. 'S ann agad fhèin a tha an taghadh a thaobh slàinte, dòigh-beatha is ciamar a bhios tu a' cumail fallain.
Gheibh thu a-mach ciamar a bhios deoch-làidir no biadh mì-fhallain a' dèanamh cron air do shlàinte, is thèid fiosrachadh a thabhann dhut mu dheidhinn dhrugaichean is an lagh. Tha e an urra riut fhèin dè nì thu ach tha a h-uile cothrom ann airson comhairle a lorg is na co-dhùnaidhean ceart dhut fhèin a ruighinn.
Mar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, bhiodh e iomchaidh a bhith a' clàradh aig Ionad Slàinte Shlèite, dìreach 10 mionaid bhon Cholaiste, far am faigh thu taic mheidigeach sam bith a dh'fhaodadh a bhith a dhìth.
Tha iomadh cothrom ann airson beatha fhallain a thòiseachadh no a chumail suas tro eacarsaich oir tha buidhnean mar club karate aig a' Cholaiste ' faodaidh oileanaich buidhnean cur-seachad eile a stèidheachadh ' agus tha amar-snàmh sa Chaol agus spòrs mar badminton, iomain agus ball-coise ' air raon Bun-sgoil Shlèite le cead a-mhàin ' gan cluich faisg air làimh.
Tha cabhsairean is slighean sàbhailte faisg air Sabhal Mòr Ostaig airson coiseachd agus baidhseagalan.
Ma dh'fhaoidte gum bi na dàimhean pearsanta agad ag atharrachadh fhad 's a bhios tu aig a' Cholaiste, is tha fiosrachadh dìomhair air slàinte feise is càirdeasan ri fhaotainn cuideachd.
Tha slàinte inntinn gu math cudromach ' tha deagh shuidheachadh inntinn a' ciallachadh gun tèid agad air do làn chomas a thoirt gu buil ann am beatha is obair, is tha comhairle mu dhuilgheadasan slàinte inntinn ri fhaighinn bho Sheirbheis Taic Oileanaich.
Cuideachd, tha sinn a' cur taic ri oileanaich a thaobh creideamh sam bith no nach eil a' leantainn creideamh idir, oir tha sinn a' tuigsinn ciamar a dh'fhaodadh creideamh taic a thoirt dhut nad bheatha.
Tha do shlàinte an urra riut fhèin ach bheir sinn taic is stiùireadh iomchaidh dhut.