Rannsachadh
Tha Sabhal Mòr Ostaig a' cur gu mòr ri rannsachadh na Gàidhlig. Chaidh 15% de dh'obair rannsachaidh na Colaiste ann an cuspairean Ceilteach a chomharrachadh mar 'internationally excellent or world-leading' bhon RAE anns an Dùbhlachd 2008.
Tha a' Cholaiste an sàs ann an iomadh pròiseact rannsachaidh leithid Ionad Nàiseanta na h-Imrich agus Soillse, iomairt nàiseanta a tha a' ceangal OGE agus na h-oilthighean ann an Obar Dheathain, Glaschu agus Dùn Èideann cruinn còmhla.
Tha luchd-obrach na Colaiste an sàs ann an obair rannsachaidh aig fìor àrd-ìre agus tha 11 den luchd-obrach air ceum dotaireachd a chosnadh. Tha cruinneachadh prìseil de leabhraichean Gàidhlig agus Ceilteach anns an Leabharlann agus tha a' Cholaiste cuideachd a' toirt chothroman do dh'oileanaich PhD.
SMO - Rannsachadh ann an Gàidhlig & Cuspairean Co-cheangailte 2017
Rannsachadh ann an Gàidhlig & Cuspairean Co-cheangailte
Ro-Innleachd Rannsachaidh Sabhal Mòr Ostaig 2014-20