Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A’ sireadh neach-tagraidh PhD airson pròiseact beul-aithris air leth

Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Tobar an Dualchais a’ sireadh neach-tagraidh PhD sònraichte, fileanta sa Ghàidhlig agus le ceum Maighstireachd ann an raon-eòlais freagarrach, gus pròiseact PhD a ghabhail os làimh, ’s e maoinichte le Duais Dotaireachd Cho-obrachail SGSAH, Macroscòp Beul-aithris nan Eilean: 170 bliadhnachan de cultar-beòil Gàidhlig ann an Innse Gall.

Fo stiùir an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart agus an Ollaimh Ùisdean Cheape aig SMO, agus Stiùiriche Thobar an Dualchais Flòraidh Forrest, bheir am pròiseact seallaidhean ùra eitneografach cho math ri sgoilearachd ùr-nodha gu buil ann a bhith a’ sgrùdadh a’ bheairteis de dhualchas-beòil a gheibhear air-loidhne tro Thobar an Dualchais, goireas didseatach beul-aithris agus eachdraidh-bheòil na Alba.

Nì an neach-tagraidh soirbheachail measadh agus fuasgladh air a’ chruinneachadh bheairteach de chlàraidhean beul-aithris agus òrain nan Gàidheal ann an Tobar an Dualchais, gan suidheachadh ann an coitheacs còrpas de dhualchas-beòil bho na h-aon cheàrnaidhean a shìneas air ais 170 bliadhnachan, bho linn a’ chruinneachaidh thùsail aig Iain Òg Ìle gu ruige an latha an-diugh.

Nì am pròiseact sgrùdadh air clàraidhean bho dhà àite, ’s iad eadar-dhealaichte agus samhlachail ri chèile aig an aon àm: eilean Èirisgeigh agus ‘Tìr-Mòr’ ceann a deas Uibhist a Deas air aon làimh, agus, air an làimh eile, eilean Bheàrnaraigh na Hearadh. Bidh am pròiseact a’ geur-amharc air stuth beul-aithris fa leth, air gnèithean, ’s air luchd-aithris agus na daoine dham buin iad, ach le seallaidhean farsaing fad-shaoghalach. Tron sin, thèid beul-aithris a chur gu feum ann a bhith a’ mìneachadh eachdraidh nan eilean, le sùil air atharrachaidhean sa chultar, san t-sluagh, agus san àrainneachd.

Oibrichidh an neach-tagraidh soirbheachail gu dlùth ris na coimhearsnachdan far an deach na clàraidhean a thogail. Cuiridh iad ri program Thobar an Dualchais de sgaoileadh fiosrachadh agus de chonaltraidhean-coimhearsnachd, tro òraidean poblach; blogaichean; airteagalan ann am pàipearan ionadail; agus na meadhanan.

Bheir am pròiseact PhD seo cothrom air leth dha neach-rannsachaidh comasach na sgilean acaideimigeach aca a leasachadh anns an àrainneachd bheairtich Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, fhad ’s a gheibh iad trèanadh agus eòlas luachmhor ag obrachadh còmhla ri fear de na goireasan-dualchais as cudromaiche ann an Alba, agus ris na coimhearsnachdan a bhios e a’ riochdachadh.

Airson barrachd fiosrachaidh agus stiùireadh mun phròiseas-tagraidh, feuch gun tadhail thu air:

https://www.uhi.ac.uk/en/research-enterprise/grad-school/studentships/sgsah-cda/

Tha fàilte bhlàth cuideachd ro cheistean mì-fhoirmeil gu Ceannard Rannsachaidh an t-Sabhail Mhòir, Abigail Burnyeat:

ab2.smo@uhi.ac.uk

 

Taing do Co-chruinneachadh Chanaigh airson an dealbh