Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ainmean-Àite na h-Alba

'S e Ainmean-Àite na h-Alba an com-pàirteachadh nàiseanta airson comhairle a chumail air ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba. 'S e a phrìomh rùn aontachadh dreachan ceart ainmean-àite Gàidhlig airson mhapaichean, shanasan is cleachdadh coitcheann.

Bidh e a' cleachdadh eòlas nam buidhnean com-pàirteachaidh, eòlais ionadail agus thùsan eachdraidheil airson dreachan reachdail aontachadh air ainmean-àite Gàidhlig. Bithear a' leantainn chleachdaidhean litreachaidh stèidhichte a leithid Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig agus an stiùiridh a dheasaich sinn air ainmean-àite Gàidhlig.

Tha an Com-pàirteachadh air a bhith ag obair cuide ri Ordnance Survey, comhairlean ionadail, ùghdarrasan rathaid is buidhnean poblach bho 2000, a' liubhairt ainmean Gàidhlig airson mhapaichean is shoidhnichean. Tha an Com-pàirteachadh a' steidheachadh clàr-àitean nàiseanta ainmean Gàidhlig mar a chaidh ainmeachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson fiosrachadh earbsach air ainmean-àite Gàidhlig a chur an cèill. Chithear an tuilleadh fiosrachaidh aig www.gaelicplacenames.org/

 --}