Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

An t-Oll Ùisdean MacIllInnein

A’ Rannsachadh aig an Oir: A’ Tarraing bho Thobraichean an Sgarpa

Chan eil beò an-diugh ach 17 neach a rugadh air Eilean Sgarp anns na Hearadh agus an ath bhliadhn’ anns an Dùbhlachd, bidh 50 bliadhna ann bhon dh’fhàg an teaghlach mu dheireadh an t-eilean. Bhoineadh Oighrig Dhòmhnaill Sheoc, màthair Ùisdein MhicIllinnein dhan Eilean agus bhon a bha e na bhalach beag, bha an teaghlach a’ siubhal dha na Hearadh eadar Horgabosd agus an Sgarp, son dà mhìos an t-samhraidh.

’S iad na co-oghaichean aige an triùir mu dheireadh a bh’ anns an sgoil air an eilean, a dhùin ann an 1967. Tha an t-eilean ainmeil airson iomadach rud leithid murt Abercrombie, Rocaidean a’ Ghearmailtich agus nigheanan càraid a rugadh gu math fada bho chèile, ach ’s ann à tobraichean na cuimhne a bhios Ùisdean a’ tarraing airson a’ mhòr-chuid dhen ùine san òraid seo – òrain agus sgeulachdan a bhoineas dhan eilean, agus dealbhan a tha gu bhith am measg tasglann de stuth a thèid fhoillseachadh an ath bhliadhna ann an leabhar a’ comharrachadh crìoch coimhearsnachd an eilein.

 

1) No 14 Sgarp agus an Caolas

2) Dòmhnall Iain MacAonghais agus Oighrig NicIllinnein (màthair Ùisdein) nach maireann, agus Ùisdean fhèin

3) Na bailtean air Eilean Sgarp timcheall air deireadh a Chogaidh Mhòir/1950an

4) Bess Ob an Doill, Amhainn-suidhe a lìon tobar ann an Sgoil Eòlais na h-Alba

 

Fiosrachadh Zoom

Feuch gun tig sibh còmhla ruinn - tha sinn an dòchas gum bi dòigh-frithealaidh nan seiminearan cho furasta 's as urrainn dhuinn tro Zoom, agus bhiodh sinn uabhasach toilichte ur faicinn ann.

https://zoom.us/j/6086570437

Meeting ID: 608 657 0437

Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 1f Diciadain. Feuch gun log sibh a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh sibh a-steach. Bidh an ‘seòmar-coinneachaidh’ glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir. Gheibh sibh am prògram slàn an seo.