Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

COTHROM SGOILEARACHAIS: MRANNS ANN AN GÀIDHLIG IS CEILTIS

Tha an MRanns aig Sabhal Mòr Ostaig OGE ann an Gàidhlig is Ceiltis a’ tabhann dha oileanaich bonn-stèidh proifeiseanta ann an Sgrùdaidhean na Gàidhlig agus na Ceiltis, a’ toirt cothrom dhaibh na h-ùidhean sgoileireil aca a leantainn, agus an cuid sgilean ann an sgrìobhadh acadaimigeach foirmeil, ann an anailis, agus ann an conaltradh a thoirt air adhart tro mheadhan na Gàidhlig.

Bidh oileanaich air an MRanns ag obair gu dlùth ris na stiùirichean acadaimigeach aca air pròiseact-rannsachaidh fad bliadhna a bhios iad a’ dealbhadh còmhla. Tha stiùireadh ri fhaighinn anns na raointean a leanas: Sòisio-chànachas, Ainmean-àite, Litreachas na Gàidhlig (meadhan-aoiseach gu nuadh-aimsireil), Beul-aithris agus Eitneòlas, Eachdraidh na Gàidhealtachd (tràth-nuadh aimsireil gu nuadh-aimsireil), Cultar Dùthchasach, Eòlas-Ciùil, agus Eaconamaidh Dùthchail. Gheibh oileanaich cuideachd trèanadh ann an sgilean-rannsachaidh agus ann an sgilean-sgrìobhaidh acadaimigeach sa Ghàidhlig. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic: http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/mranns-ann-an-gaidhlig-is-ceiltis. Gheibhear feumalachdan-inntrigidh ceumannan-rannsachaidh OGE an seo.

Tha sinn fìor thoilichte a chur an cèill gum bi maoineachadh-sgoilearachais ann, ’s e a’ toirt a-steach nan cìsean uile gu lèir, dha aon oileanach làn-ùine MRanns stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, ag obair tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh lùghdachadh air na cìsean-fuirich ri fhaighinn cuideachd, ma bhios an t-oileanach airson fuireach air an làraich.

Tha SMO ag obair gu faicilleach tro thilleadh rianail air ais air sgàth Chovid, ach tha sinn a’ sùileachdainn gum bi e comasach am prògram MRanns a ruith mar a bhathas an dùil bhon cheann-latha tòiseachaidh àbhaisteach a’s t-Sultain. Air an làimh eile, faodaidh sinn ceann-latha so-lùbte a chur air dòigh cuideachd.

Gus iarrtas a chur a-steach, nach cuir thu CV, litir-chòmhdachaidh, agus tagradh-pròiseict tùsail a dh’ionnsaigh Ceannard Rannsachaidh an t-Sabhail Mhòir, Abigail Burnyeat aig ab2.smo@uhi.ac.uk ron cheann-latha 15/07/20. Cuideachd, bu chòir faighneachd do dh’aon neach-teisteanais acadaimigeach (academic referee) ach an cuir iad teisteanas gu dìreach dhan Cheannard Rannsachaidh ron aon cheann-latha.

Tha sinn a’ cur fàilte air ceistean neo-fhoirmeil, agus tha sinn a’ moladh gu mòr gun cuir thu fios thugainn mus obraich thu air an tagradh agad, ach an dèan thu còmhradh agus conaltradh mun phròiseact leis na stiùirichean a dh’fhaodadh a bhith na lùib.

An uair sin bidh an neach-tagraidh soirbheachail agus an Stiùiriche Sgrùdaidh aca a’ cur a-steach tagradh foirmeil tro Sgoil Iar-cheumnaich OGE.