Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart

‘I am Gailic mad.’ Beatha agus saothair an Urr. Domhnall MacNeacail (1735–1802): coithionalan, cruinneachadh, còmhstri

’S e Àrd-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig a th’ anns an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart, cho math ri Stiùiriche-Cùrsa don MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd. Tha e ri rannsachadh ann an eachdraidh, litreachas, cultar dùthchasach, eitneòlas, beul-aithris, cleachdaidhean, agus creideasan Ghàidhealtachd na h-Alba anns an tràth-nuadh-aimsir ’s anns an nuadh-aimsir. Chaidh Caidreachas-Rannsachaidh Leabharlann Oilthigh Ghlaschu a bhuileachadh air an Dr Stiùbhart am bliadhna gus sgrùdadh a dhèanamh air searmoin an Urr. Domhnall MacNeacail a tha glèidhte an sin: timcheall air 250,000 facal uile gu lèir.

A-thaobh na tha air maireann de na sgrìobh e, bha an t-Urr. Domhnall MacNeacail (1736–1802), ministear Sgìre Lìos Mòr agus na h-Apann, na bu thorraiche, gu dearbh fada na bu thorraiche, na gin sam bith eile de cho-aoisean. Mar dhìleab, dh’fhàg e againn cruinneachaidhean de bhàrdachd agus de dh’òrain a chlàraich e fhèin; leabhar clò-bhuailte ann an Lunnainn, làn de bheachdan mu dhualchas agus mu eachdraidh nan Gàidheal, agus na notaichean-rannsachaidh cho math; ultaichean de shearmoin Ghàidhlig; pasgain de litrichean; fiù’s òran iomraiteach a rinn e d’a mhnaoi Lilias Chaimbeul. Na latha fhèin, bha MacNeacail aithnichte mar fhear de na sgoilearan bu mhotha cliù air Gàidhealtachd na h-Alba, agus, anns na mìltean de dh’fhacail a dh’fhàg e às a dhèidh, cluinnear a ghuth gu soilleir, an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Anns an òraid seo, bheir mi sùil air beatha, pearsa, agus saothair an Urr. Domhnall MacNeacail: na dh’innseas e m’a dheidhinn fhèin, mu chànan agus mu chultar nan Gàidheal, agus mun t-saoghal, ’s e a’ sìor atharrachadh, anns an robh e beò.

Tha an duilleag-làimhe airson na h-òraid ri fhaighinn gu h-ìosal agus air Zoom air an latha fhèin.

Duilleag-làimhe

 

Fiosrachadh Zoom

Feuch gun tig sibh còmhla ruinn - tha sinn an dòchas gum bi dòigh-frithealaidh nan seiminearan cho furasta 's as urrainn dhuinn tro Zoom, agus bhiodh sinn uabhasach toilichte ur faicinn ann.

https://zoom.us/j/6086570437

Meeting ID: 608 657 0437

Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 1f Diciadain. Feuch gun log sibh a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh sibh a-steach. Bidh an ‘seòmar-coinneachaidh’ glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir. Gheibh sibh am prògram slàn an seo.