Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Faclair na Gàidhlig

Tha an iomairt eadar-oilthigh seo anns a bheil Oilthighean Dhùn Èideann, Ghlaschu, Obar Dheathain, Srath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs ag amas air faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba a chruthachadh. Thèid a dhealbh air prionnsapalan eachdraidheil coltach ris an fheadhainn air an deach Dictionary of the Older Scottish Tongue agus an Oxford English Dictionary a stèidheachadh.

Chaidh Faclair na Gàidhlig a chur air bhonn ann an 2003 agus tha e air ionmhas fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig, Urras Charnegie, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras Leverhulme, Riaghaltas na h-Alba agus Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba.

Chaidh Ceum1 (2005-08) anns an robhar a’ cruthachadh bunait deasachaidh agus teacsa dhan fhaclair a dhèanamh aig Oilthigh Dhùn Èideann fo stiùireadh an Ollaimh Uilleam MacIllIosa agus an Ollaimh Dòmhnall Meek, Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba

Ann an Ceum 2, cruthaichear stòr-dàta làn-theacsa de Ghàidhlig na h-Alba às an tèid am faclair a chur ri chèile.  Tha am pròiseact seo air a stiùireadh leis an Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh de Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu fo bhratach pròiseact An Digital Archive of Scottish Gaelic (DASG).

’S e pròiseact cudromach fad-ùine a th’ ann am Faclair na Gàidhlig a lìbhrigeas goireas a tha deatamach airson na cànain.

 --}