Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seiminear Rannsachaidh le Iain Mac a' Phearsain

‘Imrich nan Eileanach’: dàn-òranach Gàidhlig Eilean a’ Phrionnsa bhon 19mh linn mu ‘errance’ agus ‘enracinement’ bonntaichte eadar bàrdachd is beul-aithris

Tha Iain S Mac a’ Phearsain na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig far an do thòisich e ag obair ann an 1997. An dèidh dha 10 bliadhna a chur seachad ‘s e a’ teagasg agus a’ dèanamh obair rannsachaidh aig Oilthigh Ulaidh, thill e dha Sabhal Mòr Ostaig ann an 2017. Mar fhear a bhuineas do theaghlach às na h-eileanan a rinn imrich a Chanada san 19mh linn, tha ùidh mhòr aige ann an litreachas na h-imriche, gu seachd àraidh ann an dàin-òranach a rinneadh taobh thall a’ chuain. Le bhith a’ bonntachadh a chuid obrach air bun-smuain de écriture migrante no sgrìobhadh imricheil, ‘s e as nòs dha mar sgoilear ach dlùth-bhreithneachadh a thoirt air na h-òrain seo (air na dàin seo) mar obair bhàrdachd le luchd na h-in-imriche agus na h-às-imriche bho dheireadh na 18mh linne gu meadhan na 20mh linne.

Anns an òraid seo, bidh sinn a' cur eòlas mionaideach air fear dhe na h-òrain-imrich as coileanta, inntinneach, làidir a th' ann a thaobh litreachas Gàidhlig an diaspora. Rinneadh 'Imrich nan Eileanach' le fear Calum Bàn Bochanan (no MacMhannain a bh' aig cuid air) a dh'fhàg an t-Eilean Sgitheanach ann an 1803 air bòrd a' bhàta shuaicheantail, am Polly, fo sgèith iomairt mhòr imriche a chuireadh air bhonn leis an Iarla Thomas Douglas Selkirk is i a' dèanamh air colonaidh Aimeireaga a Tuath Bhreatainneach: Eilean a' Phrìonnsa Ìomhair.

Chaidh òran (no dàn, no 'dàn-òranach') Chaluim Bhàin a dhèanamh uaireigineach an dèidh dha Eilean a' Phrionnsa a ruigsinn agus dh'fhan e beò am measg Gàidheil an eilein seo gus an deach a chur an clò mu dheireadh thall. 'S ann air teacsa an òrain a gheibhear  ann an leabhar Mairead NicDhòmhnaill The Emigrant Experience (MacDonell 1982) a bhios mi ag obair. Ach 's e dlùth-leughadh breithneachail a bheir sinn air an òran seo is mi a' cur feum air bun-smuaintean Édouard Glissant, sgrìobhadair is lèirmheasaiche à Martinique, a gheibh sinn na leabhraichean Le discours antillais agus Poétique de la Relation far an tog e air dà rud mhòr: 'erranace' no 'seachran' agus 'enracinement' no 'freumhachadh' mar dà phòl-smuaineachaidh a chuireas an cèill gu sgiobalta nàdar a thìr dhùthchais anns a' Charabaidhean.

Le sin mar chùl-taic, gabhaidh sinn gnothach ri òran Chaluim Bhàin bho àm fàgail an Eilein Sgitheanaich gu àm an tuineachaidh anns an eilean thall ('Eilean an Àigh' mar a bh' aig a' bhàrd fhèin air) le iomadh car is connspaid eadar dà cheann an turais iongantaich, litreachasail a tha seo.