Leabharlann
Bidh fàilte chridheil romhad ann an Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh thu a-mach barrachd mu ghoireasan an Leabharlainn is mar a bhios tu gan cleachdadh air duilleagan na làraich seo.
'S e rùn Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig a bhith a' leasachadh cruinneachadh de ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig a bhios slàn agus coileanta, agus a bhrosnaicheas ionnsachadh, rannsachadh agus sgoilearachd; a' cumail taic ris a' Cholaiste agus i na sàr ionad-foghlaim na Gàidhlig; a' brosnachadh fèin-mhisneachd air a' Ghàidhealtachd a thaobh a litreachais is a cultair fhèin.
Tha Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig na leabharlann sgoilearachd ach tha fàilte air daoine on taobh a-muigh a thighinn a-steach airson rannsachadh a dhèanamh.
Uairean-fosglaidh
Tron Teirm :
Diluain - Diardaoin 9.00m - 8.30f
Disathairne - Didòmhnaich 2.00f - 5.00f
Làithean-saora:
Diluain - Dihaoine 9.00m - 5.00f
Inntrigeadh an Leabharlainn air loidhne
Bheir am fiosrachadh seo stiùireadh dhut air ciamar a chleachdas tu an Leabharlann agus ciamar a gheibh thu an tuilleadh fiosrachaidh is taic bho luchd-obrach an Leabharlainn.
Tha Leabhar-làimhe an Leabharlainn ri fhaighinn mar fhaidhle PDF
Cuir fios thugainn
Ceannard an Leabharlainn: Cairistìona Cain, MA(Hons), MSc, DipPsych
Leabharlannaiche: Greg MacThòmais, BA(Hons)
An Leabharlann
Sabhal Mòr Ostaig
An Teanga
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: 01471 888447 / 888431
Post-d: sm00ll@uhi.ac.uk