Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Rannsachadh air Imrich

Ionad Nàiseanta na h-Imrich Ionad a chaidh a chur air bhonn gus eilthireachd ann an Alba a rannsachadh. Le ceanglaichean feumail is clàr-leabhraichean air an làraich.

Breaking the Silence: Chaidh am pròiseact seo a stèidheachadh gus na cuimhneachaidhean a chlàradh aig Èireannach a bha beò sna 1950an nuair a bha an teaghlaichean is an nàbaidhean ag imrich a dh'€™ionnsaigh dhùthchannan ùra.

The "Island Register" Goireas air loidhne air sinnsearachd Eilean a' Phrionnsa, le fiosrachadh air còrr is 680 teaghlach às an Eilean; agus còrr is 4500 làmh-sgrìobhainn air loidhne.

Ath-chruthachadh de Liosta an Luchd-siubhail a bha air bòrd a' Pholly, 1803 Fiosrachadh air na daoine a dh'fhàg an t-Eilean Sgitheanach is na h-Eileanan eile gus beatha ùr a lorg ann an Eilean a' Phrionnsa.

Eachdraidh Bhreatainn agus an Cunntas-sluaigh - Aiste leis an Oll. Donald Spaeth air imrich ann am Breatainn san 19mh linn.

Eilthirich Ghàidhealach agus a' Ghàidhlig anns na Stàitean Aonaichte 1872-1912
Goireasan air rannsachadh na Gàidhlig, air an deasachadh leis an Oll. Mìcheal Newton, Oilthigh Richmond.

Jacobite Past, Loyalist Present Saighdearan Gàidhealach anns na Cogaidhean Ameireaganach
Goireasan air Sgrùdaidhean Gàidhlig, air an deasachadh leis an Oll. Mìcheal Newton, Oilthigh Richmond.