Mac-Talla
B’ e Mac-Talla an t-ainm a bh’ air pàipear-naidheachd/iris Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh gach seachdainn - gach dàrna seachdainn na b’ anmoiche - ann an Sidni, Alba Nuadh, eadar 28mh Cèitean 1892, agus 24mh Òg-mhios 1904, timcheall air 540 earrann uile gu lèir.
Bha am fear-deasachaidh, Eòin MacFhionghain (1869-1944), a rugadh ann am Baile Inbhir Nis ann an Ceap Bretainn, trì bliadhna air fhichead nuair a stèidhich e Mac-Talla, a bha, aig an àm, na chiad fhoillseachadh dhe leithid san t-saoghal.
Seallaidh na pìosan naidheachd, ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, litrichean dhan fhear-deasachaidh, seanfhaclan Gàidhlig, bàrdachd/òrain, sgeulachdan, eadar-theangachaidhean agus aistean beachdan Gàidhlig cultarach air an cur an cèill gu pongail.
Tha gach iris ri fhaiginn ann an cruth PDF, agus gach duilleag fa leth mar fhaidhle JPEG.