Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Na Cruinneachaidhean

Tha Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig na leabharlann sònraichte, le cruinneachadh a tha stèidhichte air cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig.


An Cruinneachadh Iasaid

Tha an cruinneachadh iasaid a' cumail taic ri cùrsaichean na Colaiste agus anns a' chruinneachadh seo tha leabhraichean agus goireasan ioma-mheadhan air a' Ghàidhlig is a litreachas, poileasaidh cànain, eachdraidh na Gàidhealtachd, cultar dùthchasach, beul-aithris agus ceòl traidiseanta. 'S ann an iomadh cruth a tha na goireasan - leabhraichean, CDan, DVDan, teipichean agus bhideothan. Tha na goireasan anns a' Ghàidhlig, anns a' Bheurla agus anns na cànanan Ceilteach eile.


Na Cruinneachaidhean Sònraichte

Tha dà chruinneachadh air leth dhe sheann leabhraichean glèidhte ann an Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig: an Cruinneachadh Celtica agus Cruinneachadh MhicCarmaig, a chaidh a cheannach le taic-airgid on Chrannchur Nàiseanta. Anns na cruinneachaidhean seo tha leabhraichean air a' Ghàidhlig, Eòlas Ceilteach, agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd, agus feadhainn aca a chaidh a chur an clò san 17mh linn. Tha leabhraichean tearc is àraid ri fhaicinn anns na Cruinneachaidhean, cuid dhiubh nach deach a chlàradh roimhe. Tha cudrom eachdraidheil nan leabhraichean, air sgàth cho tearc is cho luachmhor 's a tha iad, gan dèanamh mar phàirt chudromach de dh'€™eachdraidh sgrìobhte na dùthcha. Tha na cruinneachaidhean agus na goireasean luachmhor do dh'€™oileanaich san dùthaich seo agus thall thairis.

An Cruinneachadh Celtica: le còrr is 1,500 leabhar is iris, tha an cruinneachadh seo a' riochdachadh an t-sàr stòrais air Eòlas Ceilteach a chruinnich an sgoilear, Sir Raibeart Gòrdan à Leitir Fuaraidh (1824-1908) anns an 19mh linn. Dh'€™fhàg e a chruinneachadh mar dhìleab do dh'€™Abaid Chille Chuimein far an robh e gus an deach a reic ann an 1999.

Cruinneachadh MhicCarmaig: chuir an reiceadair cliùiteach leabhraichean, Dòmhnall MacCarmaig, a bheatha seachad a' reic is a' cruinneachadh leabhraichean Gàidhlig agus 's e seo an stòras leabhraichean a bh' aige fhèin, fear de na cruinneachaidhean as fheàrr dhe na leabhraichean Gàidhlig a chaidh a chur ann an clò riamh. Tha còrr is 1,800 leabhar anns a' Chruinneachadh, a tha a' buntainn don 17mh, 18mh agus 19mh linn, air cuspairean mar bhàrdachd, creideamh, cunntasan-siubhail, bochdainn, croitearachd, eilthireachd, Hiort, agus caochladh chuspairean eile co-cheangailte ri eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd.


Irisean

Chì thu cruinneachadh irisean an Leabharlainn an seo: A - E, F - M, N - R, S, T - Z.
Tha ceanglaichean ann le fiosrachadh air na h-irisean, far a bheil e ri fhaotainn.


Mac-Talla

B' e Mac-Talla an t-ainm a bh' air pàipear-naidheachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh gach seachdain - gach dàrna seachdain na b' anmoiche - ann an Sidni, Alba Nuadh, eadar 28 Cèitean, 1892, agus an 24 Ғgmhios, 1904, timcheall air 540 earrann uile gu lèir. Tha iad rim faighinn air an eadar-lìon an-seo.


Na Clàir Ghàidhlig

Aig deireadh na 1990an, thug am BBC tabhartas don Leabharlann dhe chruinneachadh dhe na seann chlàran Gàidhlig às an tasglann aige. B' iad seo seann chlàraidhean 78 leis na companaidhean Parlophone, Beltona agus Gaelfonn, air a bheil seinneadairean Gàidhlig sa mhòr-chuid ach le beagan chlàraidhean sa Bheurla is an Gàidhlig na h-Èireann cuideachd.

Tasglann

Tha tasglann aig an leabharlann de rudan a bhuineas don Ghàidhlig is don Ghàidhealtachd anns a bheil làmh-sgrìobhainnean agus pàipearan a thug daoine is buidhnean dhuinn.

Pàipearan Caidreachas nan Gàidheal

Ann an 1953 thug am '€˜Picture Post' tuairisgeul air a' Ghàidhealtachd mar, '€œan t-àite as bochda ann am Breatainn.'€ Bha cion obraichean ann agus cha robh cothroman eacanomaigeach ann do na Gàidheil òga. Cha robh roghainn aig an òigridh ach a bhith a' fàgail na Gàidhealtachd airson obair a lorg ann an àiteachan eile. Cha robh mòran dòchais ann gum maireadh na coimhearsnachdan seo beò idir.

Aig a' chiad choinneimh dhe Chaidreachas nan Gàidheal, no Comunn Sporan nan Gàidheal, ann an Dùn Èideann ann an 1953 chuir am Morair Maol-Chaluim Dùghlas-Hamaltan an cèill nach robh càil a dhìth ach ionmhas airson a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh. Bhon a chaidh a stèidheachadh le ball pàrlamaid Tòraidheach, rachadh a' bhun-smuain shòisealach seo air adhart agus maoineachadh a bhuileachadh air coimhearsnachdan is muinntir na Gàidhealtachd fad 55 bliadhna, bun-smuain a bha riatanach ri linn an ath-bheothachaidh eaconamaich air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh iasadan a bhuileachadh agus cha robh feum aig daoine air càil a rachadh an urras orra ach an deagh bheus fhèin. B' e tairgsinn taic ionmhais do phròiseactan beaga air a' chroit no ann an gnìomhachasan beaga a bha fa-near agus chaidh sprèidh, uidheamachadh is taighean a thairgsinn a leigeadh le croitearan òga a' fantail air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh tabhartas de 44 tractaran Cropmaster a thoirt don Chaidreachas a thug taic sheaghach seachad far an robh feum oirre. Thugadh na tractaran seo do chroitearan, no chaidh an reic aig prìs-chosgais, air iasadan gun riadh, agus fear dhiubh a thugadh do bhodach às an Apainn a bhiodh ri treabhadh is cairb ('€˜s e sin crann-dìollaid) a shlaodadh air a ghuailnean fhèin. Chaidh taic a thoirt do dh'€™iasgach, thurasachd, àiteachas, fhèilltean gàraidh, iomairtean coimhearsnachd is luchd-ciùird, agus chaidh taic a thoirt don t-Sabhal Mhòr ùr ann an 1977. Chaidh iomairtean mòra a mhaoineachadh cuideachd, a leithid a' mhèinn is an t-àth-chreadha ann am Brùra is an gnìomhachas turasachd a bha a' nochdadh an lùib ùidh ann an spòrs sneachda a' Mhonaidh Ruaidh. Ach cha b' e iomairtean eacanomaigeach a-mhàin a fhuair taic -  thugadh taic airgid don dotair ann an Gleann Eilg airson eathar a cheannach a leigeadh leis cèilidh air euslaintich Chaol Reatha agus dh'€™iarradh air CalMac seirbheis aiseig a thabhann do sgoilearan à Lios Mòr a leigeadh leotha tilleadh on sgoil san Òban aig deireadh na seachdaine.

Thug an Caidreachas cothroman do dhaoine beò-shlàint a chosnadh, ann an dòighean traidiseanta agus ann an dòighean ùra, fada mus robh buidhnean a leithid Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ann. Tà, chaidh an uiread de dh'€™iarrtasan airson taic an lughad thar nam bliadhnaichean, mar thoradh air mar a shoirbhich le iomairtean leasachaidh na Gàidhealtachd agus mar a leudaich an àireamh de bhuidhnean taice a bha ann. Ann an 2008 thug an Caidreachas tabhartas luach £200,000 do Shabhal Mòr Ostaig le '€œdeagh bheannachdan o na buill agus sinn an dùil gum mair Sabhal Mòr Ostaig na shamhla de shoirbheacheas eacanomaigeach na Gàidhealtachd.'€ Cuide ris a' mholadh luachmhor a bha siud, fhuair a' Cholaiste stòras de phàipearan gnìomh a' Chaidreachais agus tha eachdraidh ath-bheothachadh na Gàidhealtachd sgrìobhte an lùib geàrr-chùnntasan Chaidreachas nan Gàidheal, ath-bheothachadh a thàinig air an eaconamaidh anns a' chiad dol a-mach ach an uair sin air ar cultar agus air ar dòigh-beatha fhèin.