Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Òraid an t-Sabhail

Tha a h-uile faidhle PDF dà-chànanach ach far a bheil fiosrachadh eile ann.

 

1990   Dealbh an Leabhair   Seumas Mac an t-Sealgair
Oibrichidh Croitearachd - ach dh'Fhaodadh i agus Bu Chòir Dhi Obrachadh na b' Fheàrr

Rugadh agus thogadh Seamas Mac an t-Sealgair ann an Dùror an ceann-a-tuath Earra Ghàidheal.  Fhuair e a chuid foghlaim ann an Àrd-sgoil an Òbain, agus ann an Oilthighean Obar Dheathain agus Dhùn Èideann.  Tha an t-Oll. Mac an t-Sealgair air a bhith an-sas ann an obair-naidheachd, craobh-sgaoileadh agus sgrìobhadh.  Am measg nan leabhraichean aige tha The Making of the Crofting Community agus Skye: The Island (air a dheasachadh leis an fhear-dhealbh Cailean MacIllEathain.
  Gàidhlig pdf
Beurla pdf
             
1991   Dealbh an Leabhair   Gus MacDonald
Uinneag na Gàidhlig

Tha Gus Macdonald a' fuireach ann an Glaschu agus chaidh e do dh'Àrd-sgoil Allan Glen.  Eadar 1955 's 1962 bha e na einnseanair-mara ri taobh Abhainn Chluaidh 's aig an aon àm bha e a' preasantadh a' phrògraim Sunday Break, prògram creideamh airson chloinne aig ABC Television.  Às dèidh sin, bha e ag obair na neach-naidheachd aig The Sunday Times leis an sgioba Insight.  Ann an 1965 ghluais e air ais a Dhùn Èideann airson obair le The Scotsman agus an ath bhliadhna chaidh e na Dheasaiche aig The Financial Scotsman.  Chaidh e gu Granada Television ann am Manchester an 1967 agus an 1969 chaidh  ainmeachadh mar Neach-Deasaiche a' phrògraim World in Action a bhuannaich BAFTA. Ann an 1985 chaidh ainmeachadh na Stiùiriche Phrògraman aig STV agus rinn e meudachadh air an uiread a phrògraman a reic STV dha lìonra ITV bho £3M ann an 1986 gu £14M ann an 1991.
  Faidhle pdf
             
1992   Dealbh an Leabhair   John Goodlad
A' Cumadh ar Saoghail - Beachd à Sealtainn

Cheumnaich John Goodlad ann an 1978 le MA Cruinn-eòlais le urram bho Oilthigh Obar Dheathain, agus M.Litt bhon aon oilthigh ann an 1980.  Eadar 1980 is 1999 bha e na Cheannard air Comann Iasgairean Shealtainn agus na lar Neach-cathrach air Iomairt Shealtainn.  An-dràsta, tha e na neach-comhairle iasgaich agus tha e na Stiùiriche air companaidhean iasgaich.
  Faidhle pdf
             
1993   Dealbh an Leabhair  

Una NicGilleathain
Mnathan nan Eilean Siar

Rugadh an Dotair Una NicGilleathain anns a' Chomraich ann an 1925.  Chaidh i do dh'Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain, agus do dh'Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich i thar càich sa chlas anns a' chùrsa leigheis ann an 1949.  Chaidh i gu Tèarmann Aden ann an 1952, agus fhuair i cead airson dèiligeadh ris na boireannaich Mhuslamach air sgàth 's gur i an aon dotair boireann a bh' ann.  Às dèidh dhi tilleadh gu Dùn Èideann rinn i teagasg ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an roinn Leigheas Coimhearsnachd, agus chaidh i na ceannard, agus chaidh i na Fellow of the Royal College of Physicians.  Bha ùidh mhòr aice ann am poileataigs agus thug i taic don iomairt airson pàrlamaid a stèidheachadh ann an Alba.  Chaochail an Dr NicGilleathain anns an t-Sultain 2012.

  Faidhle pdf
             
1994       Dr John Purser   n/a
             
1995   Dealbh an Leabhair   Alasdair Moffat
Dòchas agus Dì-chruthachadh

Buinidh Alasdair Moffat do Chealsach air Crìochan na h-Alba.  Cheumnaich e à Oilthighean Chill Rìmhinn, Dhùn Eideann agus Lunnainn, agus chluich e rugbaidh dha na h-oilthighean sin agus do Chealsach.  Ann an 1976, ghabh e os làimh Iomall Fèis Dhùn Èideann a leudaich gu luath mar an fhèis ealain as motha san t-saoghal.  Às dèidh greis mar fhear-naidheachd ealain do STV, chaidh a shuidheachadh mar Rianadair Leudachadh Phrògraman agus às dèidh sin mar Stiùiriche Phrògraman.  Tha e a-nis na Cheannard air Iomairtean Telebhisean na h-Alba, a tha an urra ri prògraman a riochdachadh gu ITV.  Tha e air leabhraichean fhoillseachadh a leithid: The Edinburgh Fringe; Kelsae: a History of Kelso from Earliest Times agus Remembering Charles Rennie MacKintosh.
  Faidhle pdf
             
1996   Dealbh an Leabhair   Donnaidh Rothach
Dreams from Hard Places

Rugadh Donaidh Rothach ann an Ùige san Eilean Sgitheanach.  Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil Phort Rìgh 's a-rithist ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh mus deach e a dh'Obar Dheathain gus cùrsa a leantainn sna Fìor Ealain an Sgoil Ealain Gray's sa bhaile agus Colaiste Fhoghlaim Moray House far an do rinn e cùrsa for-cheum.  Bha e na sheinneadair anns a' chòmhlan Runrig agus thug iadsan cànan is dualchas nan Gàidheal gu aire an t-saoghail.  Chaidh a thaghadh mar Reachdadair Oilthigh Dhùn Èideann an 1991. Sheas e airson a' Phartaidh Làbaraich ann an Roinn-phàrlamaid Rois, an Eilein Sgitheanaich agus taobh siar Inbhir Nis san taghadh nàiseanta.  An-diugh, tha e na Stiùiriche Leasachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig.
  Faidhle pdf
             
1997   Dealbh an Leabhair   Máire Mhic Róibín, Ceann-suidhe na h-Èireann
Signatures on Our Own Frequency

Rugadh Máir Mhic Róibin ann am Béal an Átha, Contae Mhaigh Eo, ann an Èirinn an 1944 agus fhuair i a cuid foghlaim ann an Àrd-sgoil Mount Anville, Baile Àtha Cliath, agus dh'ionnsaich i lagh aig Colaiste na Trianaid agus Sgoil Lagha Harvard. Chaidh a h-ainmeachadh na Reid Professor of Law aig Colaiste na Trianaid. Bha i na Seanadair na h-Èireann eadar 1969 is 89, agus chaidh a taghadh na Ceann-suidhe na h-Èireann ann an 1990. Anns an dreuchd sin, tha i air obrachadh air an càirdeas leis an Rìoghachd Aonaichte a leasachadh, agus 's i ciad Cheann-suidhe na h-Èireann a chaidh gu Lùchairt Buckingham, agus chuir i fàilte air a' Phrionnsa Teàrlach aig an taigh oifigeil aice ann am Baile Àtha Cliath. Tha i air adhartas mòr a dhèanamh air cothromachd cho-ionnan dha boireannaich agus mion-bhuidhnean an ann Èirinn.
  Faidhle pdf
trì-cànanach (Gaeilge)
             
1998       Calum Macdonald MP/ Eamon O Cuiv TD   n/a
             
1999   Dealbh an Leabhair   Ceannard an Ionmhais Gordon Brown
Ceartas Sòisealta tro Phàirteachas

Rugadh Gordon Brown ann an 1951 agus fhuair a e chuid foghlaim ann an Àrd-sgoil Chathair Challdainn agus Oilthigh Dhùn Èideann, far an do choisinn e Ceum le Urram den Chiad Ìre agus an uair sin Ollamhachd.  Bha e na Reachdadair ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus na Chathraiche Cùirt eadar 1972 is 1975.  An dèidh a thaghadh na BP, bha Mgr Brown na Chathraiche air Comhairle Albannach a' Phartaidh Làboraich (1983-84). Mus robh e na Sheannsalair Dùbhlanach, bha dà dhreuchd àrd eile aige mar Mhinistear Dùbhlanach - Ard-Rùnaire Dùbhlanach an Ionmhais (87-89) agus Rùnaire Dùbhlanach Malairt 's Gnìomhachais (89-92).
  Faidhle pdf
             
2000   Dealbh an Leabhair   Am Prìomh Mhinistear Donald Dewar
A' Ghàidhealtachd, a' Ghàidhlig agus Alba Ùr

Rugadh Donald Dewar ann an Glaschu agus fhuair e a chuid foghlaim ann an Oilthigh Ghlaschu . Cheumnaich e ann an 1961 le ceum ann an Eachdraidh, agus ann an 1964 le ceum ann an Lagh, agus dh'obraich e na neach-lagha ann an Glaschu gu 1966, nuair a sheas e anns an taghadh nàiseanta ann an Ceann a Deas Obar Dheathain. Chaill e an taghadh ann an 1970, ach chaidh Mgr Dewar a thagadh a-rithist ann an Glaschu Gart Sgadain ann an 1978. Ann an 1983, chaidh a thaghadh mar Àrd-Rùnaire Dùbhlanach na h-Alba, agus eadar 1997 is 1999 mar Ard Rùnaire na h-Alba. Chùm e taic làidir ris an iomairt airson cumhachdan a thilleadh a dh'Alba, agus nuair a thachair sin ann an 1999, chaidh a thaghadh na chiad Phrìomh Mhinistear na h-Alba. Chaochail Mgr Dewar air 11 an Dàmhair 2000, beagan sheachdainean às dèidh dha an òraid seo a thoirt seachad.
  Faidhle pdf
             
2001       Cha robh òraid ann a' bhliadhna seo.   n/a
             
2002       Professor Micheal O Suilleabhain   n/a
             
2003       Cha robh òraid ann a' bhliadhna seo.   n/a
             
2004       Am Prìomh Mhinistear Jack McConnell   n/a
             
2005   Dealbh an leabhair   An t-Ollamh C. Duncan Rice
Foghlam airson Àiteachan mu Thuath: Sean agus Ùr

Tha an t-Ollamh C. Duncan Rice air a bhith na Phrionnsabal agus na lar-Sheansalair Oilthigh Obar Dheathain on t-Sultain 1996. Ron a seo, bha e na Dheadhan Facaltaidh (85-91), agus na lar-Sheansalair (91-96) aig Oilthigh New York.  Rugadh e ann an Obar Dheathain is thug e a-mach ceum le urram (den chiad ìre) ann an eachdraidh aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 1964.  Bha e a' teagasg fad greis ann an Obar Dheathain, agus chuir e crìoch air ollamhachd ann an Dùn Èideann mus do chuir e seachad a' mhòr chuid de bheatha phroifeiseanta ann an Yale agus Oilthigh New York.  An-dràsta, tha e air Comataidh Maoin a' Chrannchuir Nàiseanta ann an Alba, tha e na Chathraiche aig Urras UK Socrates-Erasmus, tha e na bhall de Bhòrd Fastaichean Oilthighean is Cholaistean is tha e na lar-chathraiche air Iomairt na h-Alba (Grampian).
  Faidhle pdf