Seirbheisean an Leabharlainn
Iasadan
Faodaidh oileanaich air cùrsaichean làn-thìde, oileanaich-rannsachaidh agus luchd-obrach na Colaiste 12 leabhar fhaighinn air iasad on Leabharlann air greis-iasaid fad 4 seachdainean, agus gabhaidh a' ghreis-iasaid seo ùrachadh cho fad 's nach eil duine eile gan iarraidh.
Bidh cìs ri pàigheadh air nì sam bith a bhios fadalach is, mar sin, 's fhiach e leabhraichean a thoirt air ais no ùrachadh ro na cinn-latha aca. Chan fhaigh thu tuilleadh leabhraichean gus an tèid na cìsean gu lèir agad a rèiteachadh. Feumaidh tu pàigheadh airson gach nì agad a thèid a dhìth.
Ùrachadh iasadan
Faodaidh tu a' ghreis-iasaid ùrachadh (cho fad 's nach eil na leabhraichean fadalach agus nach eil duine eile gan iarraidh):
- anns an leabharlann fhèin
- air a' chatalog air loidhne (faigh a-steach le 'My Record')
- air a' fòn (01471 888447)
- air post-d (ll.smo@uhi.ac.uk)
Iasadan à leabharlannan eile
Mura h-eil sgeul air an nì a tha thu a' lorg ann an leabharlann an t-Sabhail, ma dh'fhaoidte gum bi cothrom agad an nì sin fhaighinn à leabharlann eile ann an Oilthigh na Gàidhealtachd no tron sgeama iasaid aig Leabharlann Bhreatannach. Faighnich do luchd-obrach an Leabharlainn mun t-seirbheis seo.
Cleachdadh leabharlannan eile
Faodaidh oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail na seirbheisean leabharlainn a chleachdadh anns a h-uile colaiste ann an Oilthigh na Gàidhealtachd. Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn air na duilleagan-lìn OGE.
Cuideachd, faodaidh oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail na seirbheisean leabharlainn a chleachdadh ann an leabharlannan aig oilthighean eile tron sgeama Sconul Access. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu luchd-obrach an leabharlainn.
Goireasan coimpiutaireachd
Tha an Complann suidhichte mu choinneamh an Leabharlainn agus 's e prìomh ghoireas a th' ann airson sgrùdadh is rannsachadh a dhèanamh. Feumaidh tu cumail ri Poileasaidh Cleachdaidh na Colaiste fhad 's a tha thu a' cleachdadh goireasan na Colaiste. Bu chòir don a h-uile oileanach inntrigeadh IT fhaighinn aig toiseach bliadhna na Colaiste.
Anns a' Chomplann tha:
- 12 choimpiùtair
- lèirsinnear
- lethbhreacadair
Tha an Complann fosgailte 9m - 10.30f Diluain gu Dìdòmhnaich
Aig amannan sònraichte bidh an Complann air a chleachdadh mar Ionad-Ionnsachaidh airson chùrsaichean-trèanaidh don luchd-obrach. Ma dh'fhaoidte gum bi an Complann dùinte aig na h-amannan sin, ach thèid sanas a sgaoileadh air post-dealain aig an àm ud.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu ghoireasan coimpiutaireachd cuir fios gu sm00ict@uhi.ac.uk
Seirbheisean eile
Is urrainn dhut an lethbhreacadair anns a' Chomplann a chleachdadh agus tha cairtean air a shon rin ceannach aig an ionad-fàilte. Feumaidh tu riaghailtean dlighe-sgrìobhaidh a leantainn fhad 's a tha thu a' cleachdadh an lethbhreacadair.
Ionad Chlann Dòmhnaill
Faodaidh luchd-obrach is oileanaich an t-Sabhail an Leabharlann aig Ionad Chlann Dòmhnaill a chleachdadh saor is an asgaidh. Feumaidh tu a' chairt-oileanaich agad a shealltainn aig a' gheata. Feumaidh luchd-obrach na Colaiste cead-inntrigidh fhaighinn ro-làimh bho Leabharlann an t-Sabhail.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air na cruinneachaidhean agus na h-uairean-fosglaidh, thoir sùil air Leabharlann Ionad Chlann Dòmhnaill.