Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tasglann

Tha cruinneachadh tasglainn aig an Leabharlann anns a bheil stuthan a bhuineas ris a' Ghàidhlig agus ris a' Ghàidhealtachd agus anns a bheil làmh-sgrìobhainnean is pàipearan a tha daoine agus buidhnean air a thoirt dhuinn mar thabhartasan. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na tabhartasan le bhith a' bruthadh nan ceanglaichean gu h-ìosal.

An t-Àrd Ollamh Coinneach MacFhionghain

Dr Uilleam MacCoinnich

Iain Fraser Grigor

Cùrsa Cànain air Astar (1886-88)

Reachdan bho 1746  Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh ann an 1746 às dèidh Blàr Chùil Lodair agus na bhroinn tha Bilean Pàrlamaid airson smachd a chumail air sluagh na Gàidhealteachd.

Turas Loch Laomainn  1715  Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh ann an 1715 agus na bhroinn tha cunntasan ann mu dheidhinn turas an aghaidh na Seumasaich anns an Dàmhair 1715, gu sònraichte an aghaidh a' Chlann Mac Griogair.   Chaidh a thoirt dhan cholaiste leis an sgrìobhadair John Prebble ach tha fiosrachadh na bhroinn mu dheidhinn James Dennistoun (1803-1855) cruinniche leabhraichean cuideachd.

Niall Mac a' Ghobhainn 1784  `S e cruinneachadh de trì leabhar air foillseachadh anns a h-aon leabhar a th' ann am fear seo.  Anns a' chiad pàirt tha mòran fuinn Strath Spè air sgrìobhadh le Niall Mac a' Ghobhainn (Neil Gow) airson fidheall, agus 's e a' chiad leabhar ann an streath de sia a th' ann.  Tha an dàrna pàirt dèanta de òrain nan Gàidhealtachd, air cruinneachadh le Padraig MacDhòmhnaill agus a chaidh fhoillseachadh ann an 1784.  'S e cruinneachadh de òrain Albannach a th' ann an treas pàirt dhen leabhar, a chur air chois airson guth agus cruit-chòrda le Niall Stiùbhart.

Iain Hamilton MacKay-Scobie  'S e cruinneachadh de iomraidhean bho phàipearan naidheachd a' buntainn ri beatha is cultar Gàidhealach,  a th' ann an leabhar seo.  Na bhroinn tha òrain ann le comharrachadh Sol-Fa, aistichean air beul-aithris, cunntasan beath-eachdraidheil agus iomraidhean bho irisean lethid "The Celtic Monthly".  Chaidh a chruinneachadh le Iain Hamilton MacKay-Scobie, agus tha an ceann-latha air "Bangalore, 1906".

Àrd-ollamh Aonghas Mac Mhathain

Searmonan Colin Macpherson  'S e cruinneachadh shearmonan a th' anns na pàipearan seo.  Chan eil ceann-latha air a' mhòr chuid na pàipearan, ach chaidh aon fear a sgrìobhadh 16mh an t-Iuchar 1950.

Màidsear Niall MacLeòid

Calum Ruadh MacNeacail

Caidreachas nan Gàidheal

Leabhar-Là Raghnall MacDhòmhnaill 1941