An Dr Jacob King
Neach-rannsachaidh (Obair Dàta)
Teisteanasan
PhD, Roinn na Ceiltis agus Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann, 2003-2008: ‘Goireasan Sgrùdaidh airson Eòlas Ainmean-Àite: Am measadh Aca air Eòlas Ainmean Uisge Albannach’.
Tuairisgeul pearsanta
Tha an Dr Jacob King ag obair aig Ainmean-Àite na h-Alba, com-pàirteachadh nàiseanta gus dreachan ceart de dh’ainmean-àite Gàidhlig a rannsachadh agus stèidheachadh airson mhapaichean, shanasan is cleachdaidh choitcheann. ’S ann aigesan a tha an obair rannsachaidh gus na h-amasan seo a choileanadh; tha e cuideachd an sàs ann a bhith leasachadh agus gleidheadh an stòir-dàta air-loidhne.
Tha Jake air a’ chomataidh airson Comann Ainmean-Àite na h-Alba agus mar phàirt den phannal lèirmheis airson an Journal of Scottish Name Studies, a thuilleadh air bhith na sgrìobhaiche de dh’iomadh artaigeil. O chionn ghoirid, mar phàirt de cho-bhonn eadar AÀA agus Dualchas Nàdair na h-Alba, bha e an sàs anns an leabhran A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre: Ainmean-Àite ann an Ìle agus Diùra, far an deach ainmean-àite bho eòlaichean na sgìre a chruinneachadh.
Cuspairean rannsachaidh
Eòlas Ainmean Uisge Albannach, a’ gabhail a-steach ainmean Inbhir- agus Abar-; ainmean-àite Dhiùra; dòigh dèiligidh modhachd air stòran-dàta ainmean-àite; agus an rannsachadh ainm-àite aig Teàrlach M. Robasdan, sgoilear Gàidhlig nach maireann a dh’fhàg an t-uabhas leabhranan nach deach fhoillseachadh.
Coileanasan
Foillseachaidhean
`The Work and Legacy of Gaelic Scholar Charles M. Robertson (1864--1927)’, Geàrr-chunntas Rannsachadh na Gàidhlig 2012 (ri thighinn 2012).
`The Gazetteer of Gaelic Place-names', Geàrr-chunntas Rannsachadh na Gàidhlig 2010 (ri thighinn).
`Place-names in the Poetry of Duncan Ban MacIntyre’ (ri thighinn 2012).
Gaelic in the Landscape: Place-names in Islay and Jura (Dualchas Nàdair na h-Alba 2011). `Aberkarf', The Journal of Scottish Name Studies 4, 2010.
`Haberberui: An Aberration?', The Journal of Scottish Name Studies 3, 2009.
`Varia: Endrick and Lunan', The Journal of Scottish Name Studies 1, 2007.
`Review of Placenames of the Isle of Man', The Journal of Scottish Name Studies 1, 2007.
'Lochy-names and Adomnan's Nigra Dea', Nomina 2005.
Pàipearan Rannsachaidh
An Lùnastal 2012: ‘A' Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre: Ainmean-Àite ann an Ìle agus Diùra’.
An Lùnastal 2012: ‘ "Are you an ordinary mortal? No, Sir, you are a genius", the Work and Legacy of Gaelic Scholar Charles M. Robertson (1864-1927)’, Rannsachadh na Gàidhlig, Glaschu.
An Lùnastal 2012: 'Ainmean-Àite na h-Alba Database Software Presentation', Fiontar Workshop, Baile Àtha Cliath.
An t-Iuchar 2012: `Place-names in the Poetry of Duncan Ban MacIntyre', World(s) of Duncan Ban MacIntyre Conference, Dùn Èideann.
An t-Samhain 2011: `Place-names Wanted - Dead or Alive: A Toponymic Flyting Conducted in the Pages of the Oban Times, c.1900', SPNS conference, Inbhir Pheofharain.
An Dàmhair 2011: `The Structure of Scottish Hydronymy', Traditional Cosmology Society Seminar, Dùn Èideann.
An Giblean 2011: `Database Presentation', DigDag Project Seminar, An Danmhairg.
An t-Samhain 2010: `The New AÀA/Gaelic Place-Names Database', SPNS conference, Drochaid Ailein.
An Lùnastal 2010: `Presentation of the National Gazetteer of Gaelic Place-names', Comhairle na Gàidhealtachd, Inbhir Nis.
An t-Ògmhios 2010, `The Place-name Debate', Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Dùn Èideann. As a panel member, part of Trends in Toponymy, ICOS conference.
An t-Samhain 2009: `A lost Aber-name in Speyside', Second International Conference on the Early Medieval Toponymy of Ireland and Scotland, Béal Feirste.
An t-Samhain 2009: `Aberkarf', SPNS conference, Glaschu is Béal Feirste.
An t-Samhain 2007: `The BLITON (Brittonic Language in Northern Britain) Project', SPNS conference.
An Dùbhlachd 2004: `Onomastic Evidence for Hydrolatry in Scotland', Traditional Cosmology Society Seminar, Dùn Èideann.
An t-Samhain 2003: `River Names of the Ochil Hills', SPNS Conference, Dùn Dè.
An t-Samhain 2003: `Adomnan's Black Goddess: The Origin of Lochy and Lochty- names in Scotland’, SNSBI Conference, Nottingham.
An Gearran 2003: `Adomnan's Black Goddess: The Origin of Lochy and Lochty- names in Scotland’, Postgraduate Seminar, Dùn Èideann.