Dr Sìleas L. NicLeòid
Neach-rannsachaidh, Soillse
Teisteanasan
- 2006: 1st Staatsexamen (Gearmailtis, Beurla, Oideachas) [1.5], Johannes Gutenberg - Universität Mainz, A' Ghearmailt
- 2007: Teisteanas Foghlaim Àrd-Ìre (Gàidhlig), Sabhal Mòr Ostaig OGE
- 2013: PhD ann an Sòisio-chànanas/Gàidhlig (2013), Sabhal Mòr Ostaig OGE & Oilthigh Obar Dheathain
Tuairisgeul pearsanta
Rinn Sìleas a' chiad cheum aice (1ad Staatsexamen) ann an Cànanas is Litreachas na Gearmailtis agus na Beurla, agus ann an Oideachas aig Oilthigh Mhainz (A' Ghearmailt) ann an 2006. Chuir i crìoch air teisteanas foghlam àrd ìre ann an Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2007, mus robh i an sàs ann an teagasg agus rannsachadh pàirt-ùine (tro mheadhan na Gàidhlig) aig a' cholaiste fhèin.
San t-Sultain 2010 thòisich Sìleas air pròiseact rannsachaidh PhD làn-ùine, air a mhaoineachadh le Soillse. 'S ann a bha i a' sgrùdadh a' cheangail eadar cànain agus cultar ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FMG) agus mar a bhiodh buaidh aig an fhios a-steach a gheibh a' chlann ceangailte ri sin tro FhMG air an cuid comasan agus beachdan cànain (fios a-mach).
Chuir i crìoch air a' PhD san t Sultain 2013 agus tha i air a bhith ag obair mar neach-rannsachaidh ann an sgioba Shoillse bhon uair sin. 'S e am prìomh phròiseact obrach anns a bheil Sìleas an sàs an-dràsta a bhith a' sgrìobhadh leabhar stèidhichte air cuid de na toraidhean as cudromaiche às an tràchdas aice. Thathar an dùil gun tèid an leabhar sin — a tha gu sònraichte ag amas air luchd-leughaidh às na coimhearsnachdan fhèin, mar eisimpleir, luchd-teagaisg, pàrantan, oileanaich agus duine sam bith eile aig a bheil ùidh ann am FMG — fhoillseachadh as t-samhradh 2014.
Cuspairean rannsachaidh
Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, modhan-obrach ann am bogadh cànain, seasamhan cànain
Coileanasan
- NicLeòid, Sìleas L. (2014, ann an clò-bhualadh), "'S e cànan a th' ann, mar B[h]eurla, ach 's e Gàidhlig a th' ann" − A' Ghàidhlig agus beachdan sgoilearan: Cothroman leasachaidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach: Clò Ostaig).
- NicLeòid, Sìleas L., Timothy Currie Armstrong is Fiona O' Hanlon (2014, ann an clò-bhualadh), '"Tha e rud beag a bharrachd air dìreach teagasg" – Ag Obair ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: amasan, ideòlasan agus fèin-aithne', ri nochdadh ann an cruinneachadh phàipearan Rannsachadh na Gàidhlig 7 (Glaschu).
- Landgraf, Julia (2011), 'Tense in the Scottish Gaelic Verbal System', ann an Renate Musan is Monika Rathert, deas., Tense across languages (Berlin: De Gruyter), 109−25.
- Landgraf, Sìleas is Alasdair MacMhaoirn (2011), 'A' cleachdadh na Gàidhlig, a' brosnachadh an spioraid', ann an Richard A. V. Cox is Timothy Currie Armstrong, deas., A' Cleachdadh na Gàidhlig: Slatan-tomhais ann an Dìon Cànain sa Choimhearsnachd (Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach: Clò Ostaig), 157−166.
- Landgraf, Sìleas (2011), A' fosgladh raointean-cleachdaidh ùra dhan Ghàidhlig − Am pròiseact ealain "Air Iomlaid" (Aithisg rannsachaidh, Dùn Èideann), http://www.smo.uhi.ac.uk/PDFs/Rannsachadh/Air-Iomlaid-Gaidhlig.pdf
- Dreach Bheurla: Creating new Speech Domains for Gaelic – the Art Project "Air Iomlaid", http://www.smo.uhi.ac.uk/PDFs/Rannsachadh/Air-Iomlaid-Beurla.pdf
Òraidean/Pròiseactan:
02/2014 | Òraid aig Oilthigh Dhùn Èideann, mar phàirt den sreath "Òraidean Shoillse 2014": '"Tha e gad dhèanamh ... sort of more intelligent": Sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig − Sùil air an cuid misneachd agus seasamhan mu choinneimh na Gàidhlig' | |
11/2013 | Òraid aig Sabhal Mòr Ostaig (Comataidh Rannsachaidh): '"Tha e gad dhèanamh ... sort of more intelligent": Sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig − Sùil air an cuid misneachd agus seasamhan mu choinneimh na Gàidhlig'. | |
08/2012 | Òraid aig Rannsachadh na Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu (còmhla ri Tim Armstrong & Fiona O'Hanlon; cuspair: "‘Tha e rud beag a bharrachd air dìreach teagasg’ – Ag Obair ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: amasan, ideòlasan agus fèin-aithne") | |
07/2011-08/2012 | Neach-rannsachaidh saor-thoileadh ann am pròiseact eadar-nàiseanta air semeantaig ann an 50 diofar chànanan (EoSS - Evolution of Semantic Systems, Max Planck-Institute for Psycholinguistics, Nijmegen, fo stiùir Majid, Asifa, Jordan, Fiona M. & Dunn, Michael, http://www.mpi.nl/eoss), a' togail dàta airson na Gàidhlig | |
03/2012 | Òraid aig co-labhairt bhliadhnail an DGfS (German Society of Linguistics), Frankfurt/Main (Cuspair: "Sprachwandel im Schottisch-Gälischen bei Kindern und Jugendlichen − Ein Paradox der Einflüsse") | |
09/2011 | Òraid aig a' chiad cho-labhairt Shoillse, Sabhal Mòr Ostaig. Cuspair: "Gàidhlig agus fèin-aithne chloinne-sgoile" | |
08/2011 | Òraid aig XIV. International Congress of Celtic Studies (Maigh Nuad, Èirinn). Cuspair: "Gàidhlig agus fèin-aithne chloinne-sgoile" | |
05/2011 | Òraid aig Fo-chomataidh Rannsachaidh SMO: "Dè th' anns a' Ghàidhlig?" – Beachdan chloinne (Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig) air feum na Gàidhlig agus adhbharan a bhith ga h‑ionnsachadh" | |
10/2010 | Òraid aig Co-labhairt Oileanach For-cheum, Oilthigh Obar Dheathainn (Cuspair: "A' fosgladh raointean-cleachdaidh ùra dhan Ghàidhlig – Am pròiseact ealain Air Iomlaid") | |
09/2010 | Òraid aig coinneimh bhliadhnail "TAiC", Inbhir Nis, còmhla ri Alasdair MacMhaoirn (Cuspair: "A' cleachdadh na Gàidhlig: Buidheann Karate na Cloinne ann am Fàs Mòr") | |
08/2010 | Òraid aig Rannsachadh na Gàidhlig, Oilthigh Obar Dheathain (Cuspair: "A' fosgladh raointean-cleachdaidh ùra dhan Ghàidhlig – Am pròiseact ealain Air Iomlaid") | |
04/2010 | Òraid aig Fruitmarket Gallery, Dùn Èideann mun obair rannsachaidh a rinn mi ann an Air Iomlaid: "Research on Language Learning and Arts in Air Iomlaid". | |
06/2009 | Òraid aig co-labhairt "A' Cleachdadh na Gàidhlig: Slatan-tomhais ann an Dìon Cànain sa Choimhearsnachd" aig SMO, còmhla ri Alasdair MacMhaoirn (Cuspair: "A' cleachdadh na Gàidhlig, a' brosnachadh an spioraid") | |
07/2008 | Neach-cuideachaidh ann am pròiseact cànanachais air a' Ghàidhlig le Prof. David Adger (Lunnainn) | |
2008- | Pròiseact "Cuir an aithne Cànanachas na Gàidhlig": Sgrìobhadh leabhair anns a' Ghàidhlig mu dheidhinn na Gàidhlig (na prìomh-chuspairean cànanachais). A' chiad phàirt: Pragmataig |
|
02/2008: | Òraid aig co-labhairt bhliadhnail an DGfS, Bamberg (Cuspair: "Tense in the Scottish Gaelic Verbal System") |
|
02/2007: | Òraid aig co-labhairt bhliadhnail an DGfS, Siegen (Cuspair: "Spoken Gaelic vs. written Gaelic – Analysis of the relation between phonemes and graphemes") | |
07/2006: | Òraid aig Rannsachadh na Gàidhlig 5, SMO (Cuspair: "Means of Explaining Gaelic Grammar – Optimality Theory as a Promising Linguistic Tool") |
|
07/2005 | Neach-stiùiriche co-labhairt oileanach (Cànanachas): SALM, Oilthigh Mainz (Òraid: "Introduction to the Gaelic Verbal System") |