Òraidean Rannsachaidh 2018
21/02/18
15:00, Seòmar Chanaigh, ACC, SMO
Richard Cox
Dùn Ad
Tha eachdraidh an ainm-àite a tha seo caran doilleir. San òraid seo, a bheir sùil air corra fhreumhachd, beachdaichear air na diofar chruthan eachdraidheil (Att, At, Ad) agus air mar a chaidh fuaimean iomchaidh atharrachadh bhon t-Sean Ghàidhlig gu ruige an Nua-Ghàidhlig.
07/03/18
15:00, Seòmar Chanaigh, ACC, SMO
Caoimhín Ó Donnaíle
Bunadas – goireas gus faclan dàimheach a lorg, Gàidhlig agus ceilteach agus Innd-Eòrpach
Tha barrachd is 50,000 facal a-nis ann am Bunadas, stòr-dàta air làrach-lìn na Colaiste, eadar Ghàidhlig agus Ghaeilge agus Mhanainnis agus Sheann-Gàidhlig agus Chuimris agus iomadh chànan eile, iad uile ceangailte ann an lìonradh agus ceangailte ri faclairean sna cànanan fa leth. Goireas gus eachdraidh nam facal agus eachdraidh nan cànanan a rannsachadh, agus barrachd eòlais fhaighinn air na faclan fhéin.
21/03/18
15:00, Seòmar Chanaigh, ACC, SMO
Sam Duncan, UCL Institute of Education
Lend me your Ears: When and why adults may read aloud rather than in silence
Tha Sam ag obair air pròiseact dà-bhliadhna a tha a’ coimhead air ciamar, cuine, agus carson a tha sinn, mar inbhich a’ dèanamh leughadh-labhairteach nar beatha làitheil. Tha i a’ feuchainn ri grunn chleachdaidhean a ghlacadh gus clàr a chruthachadh dhe na diofar adhbharan agus dòighean a th’ aig daoine san latha an-diugh airson leughadh a-mach. Bidh i a’ rannsachadh iomadh cheist, agus ann an diofar chànain, a’ cleachdadh ceisteachan, Mass Observation Directive, agallamhan fa leth agus clàran-fuaim. Bu toil leatha bruidhinn mu na toraidhean a th’ aice mar-thà, agus comhairle a ghabhail mu cheumannan eile a b’ urrainn dhi a ghabhail.
‘S e tidsear litearrachd a th’ ann an Sam, a tha cuideachd a’ trèanadh thidsearan eile agus a’ dèanamh rannsachadh aig UCL Institute of Education ann an Lunnainn.
Seo làrach-lìn a’ phròiseict: http://www.ucl.ac.uk/ioe/research/projects/reading-aloud-in-britain-today
18/04/18
15:00, Seòmar Chanaigh, ACC, SMO
Anna-Elisabeth Holm, Heriot Watt University
Faroese – An Introduction and Research Study
Geàrr-chunntas air eachdraidh Fàrothais, agus dealbh de staid a’ chànain an-diugh, a’ coimhead gu dlùth ri mar a tha cùisean a’ gluasad fo shealladh sòiseo-chànanach. A bharrachd air sin, bruidhnidh Anna-Elisabeth mun phròiseict rannsachaidh aice, a tha a’ coimhead air cànan agus imrich ann an Eileanan nan Caorach (na h-Eileanan Fàrothach).
Taobh a-staigh nan eilean sin cha bhiodh e ceart a bhith a’ coimhead air Fàrothais mar mhion-chànan, ach, air an làimh eile, ’s e mion-chànan taobh-a-staigh na Danmhairge a th’ innte. Ann an linn a’ chruinneachais (“globalisation”) sa bheil sinn beò tha dùbhlain ron Fhàrothais nach eil eu-choltach ris na dùbhlain ro mion-chànain eile.