Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tursan

Ceala-deug air mhìos ann an Uaimh Dhonnain Eige - A-NIS LÀN

Thèid òraid le Rody Gorman a thoirt seachad san uaimh ann an Eilean Eige air a bheil iomradh ann an Earrann 44 den sgeul Buile Shuibhne. Bithear a’ sealltainn air brìgh nam facal ‘ceala-deug air mhìos’ − is e sin an ùine a thug Suibhne seachad san uaimh seo mus d’ rinn e air Carraig Alasdair far an do chuir e seachad an aon ùine. Thèid breithneachadh air a leithid ionadan coisrigte, chilla-nashini, hanbleceya, an dà shealladh, glaodh, tost, an saoghal eile, santori, kensho, kora 7c.

Thèid an uaimh a ruigsinn le bàta (SeaFari) bho Armadal/Malaig, agus bidh e a’ toirt mu thrì cairteal na h-uarach gach rathad. Tha an uamh mu fhichead mionaid air falbh on chidhe ann an Eige. Thèid carbadan a chur air dòigh ma bhios feum orra ach dìreach gu cachaileith na Creige Àirde. Tha teàrnadh cas air an t-slighe a dh’ionnsaigh na h-uaimhe a dh’fhaodadh a bhith sleamhainn is cugallach agus, mar sin, cha bu chòir an turas a dhèanamh mura bheil thu an ìre mhath fallain agus brògan ceart oirbh.

Bu chòir dhuinn aodach blàth dìonach a chumas uisge agus gaoth a-mach a chur oirnn, cho math ri sunscreen, dìon bhon mheanbh-chuileig agus brògan tapaidh neo-shleamhainn.

Prìs: £32 an duine.

 

Iain a’ Ghobha (1902−1985)

Bidh an taisbeanadh seo, a thèid a stiùireadh leis an Oll. Ùisdean Cheape agus Dr Decker Forrest, a’ toirt dhuinn sealladh air obair-ciùird Gobha Àird a’ Bhàsair, mar shamhla air obair an neach-ciùird seo rè ùine, agus le sùil air an obair a bh’ aig Iain Dòmhnallach − no Iain a’ Ghobha mar a b’ fheàrr a b’ aithne dha muinntir na sgìre e. Bha sgilean agus ealantas air leth aig Iain a’ Ghobha, chan ann le meatailt a-mhàin ach le fiodha cuideachd. A bharrachd air an obair-ciùird aige, bha e na phìobaire; rinn e fhèin feadanan, pìoban agus ribheidean, agus fhuair e oideas bho bhràthair a mhàthar, Calum Mòr MacAonghais (1871−1951). ’S e amas Shabhal Mòr Ostaig a bhith a’ dùsgadh cuimhne air sgilean a’ Ghobha agus a cumail far comhair. Tha sinn a’ togail càrn-cuimhne dha mar chuimhneachan air sgìre a bhreith agus gus fiosrachadh mu dheidhinn a sgaoileadh air feadh an t‑saoghail. Tha Iain a’ Ghobha airidh air aithneachadh fhathast.

Bidh sinn a’ sgrùdadh obair a’ Ghobha anns an fharsaingeachd. B’ àbhaist do dh’Iain agus a athair, Dòmhnall a’ Ghobha, a bhith a’ solarachadh agus a’ càradh nan rudan a bhiodh feumail do theachd-an-tìr muinntir Shlèite, a’ dèiligeadh ris gach seòrsa inneil àiteachais, m.e. cas-chrom, crann-treabhaidh, cruidh eich, cairt agus tairsgeir, agus àirneis taighe mar bhrod is clobha airson an teine, greideal agus innealan de gach seòrsa, an dà chuid airson obair a-muigh agus obair a-staigh. Am bitheantas, bhiodh obair a’ Ghobha a’ leantainn air tionndaidhean ràithean na bliadhna agus, mar sin, bhiodh e a’ càradh uidheam àiteachais as t-earrach, gan cur ceart airson obair an t-samhraidh, agus a’ dèanamh tairsgeir ri buain na mòna agus speal ghobhlach ri gearradh an fheòir agus a’ bharra.

An uair a bha obair luchd-ciùird a’ sìoladh às, nuair a thàinig na tractaran dhan sgìre aig àm an Dara Cogaidh, thòisich Iain air obair snaighidh airson gheataichean, sgeadachadh agus àirneis airson taobh an teine mar bhrod is clobha agus cliabh-connaidh, agus coilich-ghaoithe mar a chithear fhathast air Tùr an t‑Sabhail Mhòir agus aig Taigh-òsta Eilean Iarmain.

Bu chòir aodach blàth dìonach − a chumas uisge agus gaoth a-mach − a chur oirnn, cho math ri sunscreen, dìon an aghaidh na meanbh-chuileig, agus brògan tapaidh.

Prìs: £15 an duine.

 

Caisteal agus Gàrradh Armadail, agus Taigh-tasgaidh nan Eilean

Thigibh air chuairt dhan ghàrradh is dhan taigh-tasgaidh aig Clann Dòmhnaill, agus dhan tobhta àlainn, Caisteal Armadail, a bha na dhachaigh bho shean do Chlann Dòmhnaill Shlèite.

Gheibhear a-steach gu Taigh-tasgaidh nan Eilean (2002), far am faighear seachd galaraidhean a bhios ag innse mu eachdraidh Chlann Dòmhnaill, bho Thighearnas nan Eilean chun an latha an-diugh.

Tha cuireadh agaibh a thighinn a bhruidhinn le Manaidsear an Taigh-tasgaidh aig 3f, ann an Leabharlann an Taigh-tasgaidh, nuair a gheibhear fios air an leabharlann is cruinneachaidhean nan tasglann, a’ gabhail a-staigh tasglann an t-Uachdarain MacDhòmhnaill, le pàipearan a bhios a’  dol air ais chun a’ chòigeamh linn deug.

Tha bùth thiodhlaicean ann agus, san t-Stàball, gheibhear café agus taighean-beaga.

Bu chòir aodach blàth, dìonach a bhith oirbh, cho math ri sunscreen, dìon an aghaidh na meanbh-chuileig agus brògan tapaidh.

Prìs: £17.50 (bus + prìs nas ìsle an duine airson bhuidhnean)

 

Taigh Mòr Chanaigh - A-NIS LÀN

Gabhaibh an cothrom a dhol gu eilean maiseach torach Chanaigh, a thugadh seachad le Iain Lathairne Caimbeul agus Mairead Fay Sheathach do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba. ’S ann air an eilean a gheibhear Cruinneachadh Chanaigh – cruinneachadh prìseil de dh’òrain agus beul-aithris. Ged a tha Taigh Chanaigh dùinte an-dràsta gu luchd-tadhail, gheibh sinne cothrom air leth a bhith a’ faicinn am broinn cuid dhe na seòmraichean agus a bhith ag èisteachd ri clàraidhean bhon tasglann. Chithear cuideachd rudan sònraichte bhon dualchas a chruinnich na Caimbeulaich fhad ’s a bha iad a’ tàmh san eilean. Faodar coiseachd sa ghàrradh, is fiù ’s geama croquet a chluich! Faodar taghadh cuideachd a dhol air chuairt dhan chrois Cheiltich aig a’ Chille, agus chithear uaigh Iain Lathairne an sin; tillear an uair sin dhan chidhe, deiseil airson falbh air ais dhan Eilean Sgitheanach.

Bidh biadh is deoch rin ceannach aig Café Chanaigh.

Bu chòir aodach blàth dìonach − a chumas uisge agus gaoth a-mach − a chur oirnn, cho math ri sunscreen, dìon an aghaidh na meanbh-chuileig, agus brògan tapaidh.

Prìs: £32 an duine.

 

Turas mara air yacht gu Ceann Tàile

Fàilte air bòrd airson turas mara air yacht – Sùil na Mara − bho shean chidhe Armadail ann an Slèite suas an linne a dh’ionnsaigh Chinn Tàile. A rèir na sìde, gheibhear seallaidhean àlainn air an Eilean Sgitheanach agus air tìr-mòr, gu h-àraidh air dùthaich Mhic Raith ann an Ceann Tàile. Air bòrd, bidh sàr-eòlaiche air an sgìre a bheir seachad criomagan fiosrachaidh air dualchas na sgìre agus a bheir dhuinn bàrdachd agus òrain bhon ochdamh linn deug air adhart bhon sgìre seo.

Bu chòir dhuinn aodach blàth dìonach a chumas uisge agus gaoth a-mach a chur oirnn, cho math ri sunscreen, dìon bhon mheanbh-chuileig agus brògan tapaidh neo-shleamhainn.

Prìs: £75.50 an duine (bus + yacht).

 

Sgìre an t-Sratha tro arc-eòlas is sùilean a’ bhàird, Uilleam Ros

Air an turas seo, thèid sinn leis a’ bhus dhan ghleann àrsaidh àlainn bheairteach, An Srath. A rèir na sìde, gabhaidh sinn an cothrom a bhith a’ faighinn a-mach is ag ionnsachadh bhon eòlaiche sgìre is arc-eòlaiche Martin Wildgoose mu eachdraidh thràth na glinne seo. Tha an gleann làn fianais air daoine a bha a’ fuireach ann bho shean, bho Uamh an Àrd-Achaidh gu cearcallan thursachan is gu leòr eile.

Tòisichidh sinn aig Uamh an Àrd-Achaidh: cluinnear mun àite shònraichte seo bho Linn an Iarainn. Faodaidh daoine, ann am buidhnean de dhithis no triùir, a dhol fon talmhainn a-staigh dhan uaimh, fo stiùir Mhàrtainn. Chithear cuideachd làrach san sgìre a tha cho sean ri Linn Anmoch an Umha.

Air an rathad dhachaigh, chì sinn làrach a’ bhaile far an do thogadh am bàrd ainmeil, Uilleam Ros; cluinnear beagan mu bheatha a’ bhàird is mun obair aige bhon eòlaiche Mark Wringe.

Bu chòir aodach blàth dìonach − a chumas uisge agus gaoth a-mach − a chur oirnn, cho math ri sunscreen, dìon an aghaidh na meanbh-chuileig, agus brògan tapaidh.

Thoiribh an aire gu bheil a’ chuairt gu Uamh an Àrd-Achaidh a’ toirt deich mionaidean a’ coiseachd ann, air bruthaichean socair le feur is fraoch, agus a dh’fhaodadh a bhith beagan sleamhainn nan robh an t-uisge air a bhith ann. Ma tha sibh gealtach ro bhith ann an àite fon talamh agus ann an àite a tha fìor shean, beag is cumhang, cha bu chòir a dhol a bhroinnUamh an Àrd-Achaidh. Ma tha sibh airson a dhol a bhroinn na h-uaimhe, bhiodh wellies feumail oir ’s math dh’fhaodte gum bi uisge fo ur casan san uaimh.

Prìs: £25 an duine (àite airson 14 duine)