Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seiminearan Rannsachaidh 2020

Gus beagan togail a thoirt dhan a h-uile duine, tha sinn fìor thoilichte sreath ùr de sheiminearan-rannsachaidh a chur an cèill, fosgailte dhuibh uile tro Zoom.

Tha prògram sgoinneil againn, a' sealltainn an dà chuid obair ar co-oibrichean an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, agus obair luchd-labhairt bhon taobh a-muigh.

Feuch gun tig sibh còmhla ruinn - tha sinn an dòchas gum bi frithealadh nan seiminearan cho furasta 's as urrainn dhuinn tro Zoom, agus bhiodh sinn uabhasach toilichte ur faicinn ann.

https://zoom.us/j/6086570437    Meeting ID: 608 657 0437

Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 1f Diciadain. Feuch gun log sibh a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh sibh a-steach. Bidh an ‘seòmar-coinneachaidh’ glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir.

 

13 Cèitean: Iain Mac a’ Phearsain, Sabhal Mòr Ostaig OGE

‘Imrich nan Eileanach’: Dàn-òranach Gàidhlig Eilean a’ Phrionnsa bhon 19mh Linn mu ‘Errance’ agus ‘Enracinement’ bonntaichte eadar bàrdachd is beul-aithris

 

20 Cèitean: Dr Peadar Ó Muircheartaigh, Oilthigh Aberystwyth

Down and Out in London and Dublin: Charles Wilson and Muiris Ó Gormáin

 

27 Cèitean: Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart, Sabhal Mòr Ostaig OGE

‘I am Gailic mad.’ Beatha agus saothair an Urr. Domhnall MacNeacail (1735–1802): coithionalan, cruinneachadh, còmhstri

 

3 Ògmhios: Fanch Bihan-Gallic, Oilthigh Obar Dheathain

Ceannas cànain, togail darna cànain agus cànanan an cunnart: Lèirsinn na Gàidhlig

 

10 Ògmhios: An t-OIl. Máire Ní Annracháin, Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Ollamh Emerita, Coláiste na hOllscoile, Baile Átha Cliath

Co-fhaireachdainn an Nàdair: a bheil tuigse ùr anns a' bhàrdachd Ghàidhlig?

Gu mì-fhortanach, dh'fheumte seiminear na h-ath sheachdain leis an Oll. Máire Ní Annracháin, 'Co-fhaireachdainn an Nàdair: a bheil tuigse ùr anns a' bhàrdachd Ghàidhlig', a chur dheth. Sgaoilidh sinn fiosrachadh mun cheann-latha ùr aon uair 's gun tèid a dhaingneachadh.

Bidh an t-sreath sheiminearan a' tòiseachadh a-rithist air Diciadain 17 Ògmhios le Kathleen Reddy bho Oilthigh Ghlaschu, 's i a' bruidhinn mu 'Ìomhaigh an t-Sagairt ann an Seanchas Choimhearsnachdan Caitligeach anns na h-Eileanan Siar'. Tha sinn a' dèanamh fiughair ri ur faicinn an uair sin.

 

17 Ògmhios: Kathleen Reddy, Oilthigh Ghlaschu

Ìomhaigh an t-Sagairt ann an Seanchas Choimhearsnachdan Caitligeach anns na h-Eileanan Siar

 

24 Ògmhios: Dr Decker Forrest, Sabhal Mòr Ostaig OGE

The King of Jigs: Dealbh de Phìobaire à Uibhist a Deas san Fhicheadamh Linn