Seiminearan Rannsachaidh 2021
Gus beagan togail a thoirt dhan a h-uile duine, tha sinn fìor thoilichte sreath ùr de sheiminearan-rannsachaidh a chur an cèill, fosgailte dhuibh uile tro Zoom.
Tha prògram sgoinneil againn, a' sealltainn an dà chuid obair ar co-oibrichean an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, agus obair luchd-labhairt bhon taobh a-muigh.
Feuch gun tig sibh còmhla ruinn - tha sinn an dòchas gum bi frithealadh nan seiminearan cho furasta 's as urrainn dhuinn tro Zoom, agus bhiodh sinn uabhasach toilichte ur faicinn ann.
https://zoom.us/j/6086570437 Meeting ID: 608 657 0437
Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 1f Diciadain. Feuch gun log sibh a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh sibh a-steach. Bidh an ‘seòmar-coinneachaidh’ glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir.
10 An Gearran: An t-Oll. Meg Bateman, Sabhal Mòr Ostaig OGE
Làraichean na Fèinne san Eilean Sgitheanach
17 An Gearran: Dr Iain Mackinnon, Centre for Agroecology, Water and Resilience, Oilthigh Coventry
24 An Gearran: Dr Fiona McNeill, Oilthigh Dhùn Èideann & Dr Gábor Bella, Oilthigh Trento
03 Am Màrt: Dr Heather Sparling, Oilthigh Cheap Breatann
10 Am Màrt: Dr Sharon Arbuthnot, Faclair na Gàidhlig & Oilthigh Cambridge
Dad, sgaiteach, pailt ’s eile: the 2019 Update to eDIL and its insights into Scottish Gaelic
17 Am Màrt: Dr Ailbhe NicGiollaChomhaill, Ollscoil Luimnigh
Digital folklore archives as ‘Thick Corpuses’: a case study of text and context in the folklore of Maam village, Co. Galway.
24 Am Màrt: Dr Frances Wilkins, Elphinstone Institute, Oilthigh Obar Dheathain
Sacred Singing in Northern Scotland: Reflections of Cultural and Occupational Landscape
31 Am Màrt: Meanbh-cho-labhairt nan Iar-cheumnach