An Dr. Cassie Smith-Christmas
A’ Cnuasachadh air Tar-chur Cànain eadar na Ginealaichean: Am Modail ‘Saibhreas’ agus Gaeltacht Corca Dhuibhne ann an Èirinn
Tha an taisbeanadh seo stèidhte air rannsachadh a chaidh a dhèanamh ann an Gaeltacht Chorca Dhuibhne ann an Èirinn, leis a’ phròiseact ‘An nasc idir an teanga agus an pobal i gCorca Dhuibhne’ (‘An ceangal eadar an cànan agus a’ choimhearsnachd air Gaeltacht Chorca Dhuibhne’), leis a’ bhuidheann “SMiLE” aig an Institiud Smithsonian. Gu h-àraidh, tha an taisbeanadh a’ tòirt sùil air dà chèist:
1) Dè bhios sinn a’ ciallachadh nuair a bhruidhneas sinn mu ‘thar-chur cànain eadar na ginealaichean’?
2) Dè na h-amasan a th’ aig pàrantan nuair a tha iad a’ feuchainn ri tar-chur cànain eadar na ginealaichean a chur air adhart?
Tha am pàipear seo a’ moladh modail ‘saibhreas’ mar dhòigh-chnuasachaidh air an dà chèist seo; tha an deasbad cuideachd a’ gabhail a-steach rannsachadh a rinn mi ann an Alba na bu tràithe.
Fiosrachadh Zoom
Feuch gun tig sibh còmhla ruinn - tha sinn an dòchas gum bi dòigh-frithealaidh nan seiminearan cho furasta 's as urrainn dhuinn tro Zoom, agus bhiodh sinn uabhasach toilichte ur faicinn ann.
Meeting ID: 608 657 0437
Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 1f Diciadain. Feuch gun log sibh a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh sibh a-steach. Bidh an ‘seòmar-coinneachaidh’ glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir. Gheibh sibh am prògram slàn an seo.