Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Proifeasair Máire Ní Annracháin

Co-fhaireachdainn an Nàdair: A bheil Tuigsinn Ùr anns a' Bhàrdachd Ghàidhlig?

S e beachd gu math aosta am measg nan Gàidheal, gum bi an Nàdar ann an còrdadh ris an duine: ma shoirbhicheas leis a' cheann-fheadhna, thig an Nàdar fo bhlàth agus ma bhàsaicheas e, seargaidh an Nàdar. 'S e beachd a tha seo a ghabhas lùbadh airson nan diofar seòrsaichean dàimhe eadar an cinne-daonna agus saoghal an Nàdair a chur an cèill. Nì am pàipear seo luachadh air ceumannan ann an nuadh-bhàrdachd a dh'ionnsaidh ath-chur an cèill ìoranta air a' bheachd sin. 

Duilleag-làimhe

 

Fiosrachadh Zoom

Feuch gun tig sibh còmhla ruinn - tha sinn an dòchas gum bi dòigh-frithealaidh nan seiminearan cho furasta 's as urrainn dhuinn tro Zoom, agus bhiodh sinn uabhasach toilichte ur faicinn ann.

https://zoom.us/j/6086570437

Meeting ID: 608 657 0437

Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 1f Diciadain. Feuch gun log sibh a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh sibh a-steach. Bidh an ‘seòmar-coinneachaidh’ glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir. Gheibh sibh am prògram slàn an seo.