Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Soillse

Tha Soillse, Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig - a' cur Stòras Rannsachaidh air bhog airson taic a thoirt do phròiseactan beaga a bhios a' rannsachadh chuspairean ceangailte le ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Thig beachdachadh air a h-uile tagradh rannsachaidh cho fad '€˜s a tha an tagradh ceangailte le cuspairean a tha a' toirt sùil air cleachdadh no ath-nuadhachadh na Gàidhlig.  Mar eisimpleir, dh'€™fhaodadh tagraidhean a thighinn a-steach air cuspairean ceangailte le ciamar a tha a' Ghàidhlig air a cleachdadh ann an coimhearsnachdan neo ann an teaghlaichean; cuspairean a tha sgrùdadh dearbh-aithne agus fèin-mhisneachd anns a' chànain; a' bhuaidh a tha aig poileasaidhean poblach air leudachadh agus ath-nuadhachadh na Gàidhlig; agus dè a' bhuaidh a tha aig teicneòlas air ionnsachadh agus air ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Bidh fàilte mhòr air tagraidhean co-obrachaidh bho sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd ann an co-phàirt leis na h-oilthighean a tha a' gabhail pàirt ann an Soillse.

Bheir Stòras Rannsachaidh Shoillse taic airgid suas gu £3,000 do phròiseactan rannsachaidh fon sgeama seo. Feumaidh tagraidhean cuideachd teachd a-steach eile luach 40% a chur leis an airgead taic a gheibh am pròiseact bho Stòras Rannsachaidh Shoillse.  Am bliadhna, thathar an dùil ri 5 pròiseactan a mhaoineachadh bho an Stòras Rannsachaidh seo.

Bu chòir na h-iarrtasan a bhith a-staigh aig Soillse ro 17 An t-Ғgmhios 2011 agus feumaidh na pròiseactan a bhith crìochnaichte ro dheireadh na Dùbhlachd 2011.
 

Airson foirm-iarrtais agus tuilleadh fiosrachaidh rachaibh chun na làraich-lìn: www.soillse.ac.uk
 

Gheibhear cuideachd tuilleadh fios agus taic bho Iain Caimbeul air 01471 888559 neo tro phost-d aig fios@soillse.ac.uk

  Fios Ullachaidh

 

Chithear duilleag Stòras Rannsachaidh air www.soillse.ac.uk/foillseachaidhean/paipearan-rannsachaidh.php

 --}