Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Seirbheisean

Chan e foghlam a-mhàin a thathas a' tabhann aig Sabhal Mòr Ostaig OGE. 'S e pàirt de amas na Colaiste "a bhith a' dol an sàs gu h-innleachdach còmhla ri daoine eile, luchd-gnìomhachais agus a' choimhearsnachd air fad gus leasachaidhean sòisealta, dualchasach agus eaconomach a chur air adhart".  Mar sin, thathas a' tabhann sheirbheisean don mhòr-shluagh agus stèidhichte ann am Fàs (an t-Ionad airson Ghnìomhachasan Cultarail agus Cruthachail) tha pròiseactan a tha a' buntainn ri dualchas nàiseanta, agus gnìomhachasan ionadail a tha air cliù a chosnadh dhaibh fhèin.