Eòlaichean
Na Nì Sinn Dhuibh
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE air cliù air leth a chosnadh airson ionnsachadh is bogadh sa chànan agus airson rannsachadh air cultar na Gàidhlig is na Gàidhealtachd. Tha luchd-obrach an t-Sabhail Mhòir an sàs ann an rannsachadh aig an ìre as àirde, ag obair cuide ri gnìomhachasan is coimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Tha eòlas sònraichte aig a' Cholaiste air iomadh cuspair a leithid dealbhadh cànain is poileasaidh cànain, dualchas, leasachadh turasachd, eachdraidh na Gàidhlig is ainmean-àite Lochlannach is Gàidhlig. Tha an sàr eòlas a' freagairt do shàr ghoireasan na Colaiste far a bheil stiùideo sgaoilidh is clàraidh stèidhichte, leabharlann sònraichte, uidheamachd cho-labhairt is compiutaireachd air leth, àiteachan taisbeanaidh, goireasan cùram-chloinne is àiteachan-fuirich.
Seirbheisean
- Seirbheisean Gàidhlig is Beurla a leithid eadar-theangachadh agus clàraidhean airson thaisbeanaidhean
- Eadar-theangachadh beò
- Comhairle air seirbheisean taigh-tasgaidh bho shàr eòlaiche thaighean-tasgaidh
- Cùrsaichean goirid a' freagairt dhut fhèin ann an àite sam bith
- Seirbheisean rannsachadh co-chomhairleachaidh
- Lèirsinn ' seirbheisean rannsachaidh air cùmhnantSeirbheisean taic coimpiutaireachd
- Òraidean coimhearsnachd air eachdraidh ionadail/na Gàidhealtachd, cànan, cultar, foghlam is ceòl traidiseanta