Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Fàs

Tha an togalach ùr Fàs, a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil sa Ghiblean 2008 leis a' Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond BPA, na ionad beothail ùr a bhrosnaicheas mòr-thoradh anns na h-ealain Ghàidhlig, cultar, craoladh, nuadh-mheadhanan agus dualchas. Bidh Fàs ag obair mar ghineadair do ghnìomhachasan ùra a bhios a' cuimseachadh air an iarrtas a tha ann airson rudan is seirbheisean ùra anns a bheil brìgh chultarach a choilionadh.

Tha caochladh phròiseactan cultarach is cruthachail stèidhichte san togalach, Sealladh, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Lèirsinn nam measg. Tha stiùidio ùr-ghnathach ann, Stiùidio Fàs, a tha a' toirt seachad cothroman trèanaidh do luchd-trèanaidh is luchd-proifeiseanta tha an sàs anns na meadhanan.

Tha cuideachd Fàs Mòr ann, ionad cùram-chloinne Gàidhlig air leth beothail le àite airson còrr is dà fhichead pàiste suas gu aois 12.

Tha àite ann airson bùithtean obrach is taisbeanadh ealain lèirsinneachd agus 's ann an seo a tha Luchd-Ealain na Colaiste uile stèidhichte.
 

http://www.smo.uhi.ac.uk/images/uploads/fas.jpg

 --}