
AN LEABHARLANN
Tha sinn ag ùrachadh duilleagan-lìn an Leabharlainn an-dràsta. Tha ceanglaichean riatanach rim faighinn an seo agus bidh fiosrachadh coileanta air na cruinneachaidhean is seirbheisean a’ nochdadh a dh’aithghearr. Tha sinn duilich mura h-eil na tha a dhìth ort ri lorg an-dràsta ach faodar ceist sam bith a chur thugainn aig ll.smo@uhi.ac.uk
An Leabharlann ri linn Covid-19
Tha an Leabharlann fosgailte do dh’oileanaich is luchd-obrach is luchd-tadhail a-rithist. Tha goireasan didseatach againn cho math ri seirbheisean cliog is cruinnich, puist is sganaidh (fiosrachadh gu h-ìosal) a leigeas leat na cruinneachaidhean a chleachdadh taobh a-muigh an Leabharlainn cuideachd. Airson taic bho sgioba an Leabharlainn, nach cuir thu fios thugainn air post-d.