naidheachd
@yahoogroups.com
Liosta puist-dealain a chum fiosrachadh a sgapadh bho WatchThatPage a thaobh dhuilleagan Gàidhlig

Tha an t-seirbheis WatchThatPage a' cumail sùil gach oidhche air sreath taghte de dhuilleagan Gàidhlig, gu h-àraidh na duilleagan naidheachd aig iomadh bhuidhean Ghàidhlig. Ma chì e atharrachadh air té sam bith dhiubh bho mar a bha e air an latha roimhe, cuiridh e fios dhan liosta seo, naidheachd, airson a sgapadh dhan bhallrachd.

Mar sin, ma chlàrachas tu 'nad bhall den liosta, gheibh thu fios mu rudan a tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig.

(B'urrainn dhut fhéin seirbheis mar seo a chur air dòigh dhut fhéin aig WatchThatPage - do sheòladh puist-dealain a chlàradh comhla ri liosta de na duilleagan a tha thu ag iarraidh sùil a chumail orra. Ach ma nì thu e tron liosta naidheachd, cha bhi thu a' cur saothar ort fhéin a' clàradh 's a' cumail ceart liosta fada de sheòlaidhean de dhuilleagan Ghàidhlig.)

Chan urrainn dhut fhéin sgrìobhadh dhan liosta naidheachd, ach tha liosta eile ann, Gaelic-News, far is urrainn do neach sam bith naidheachd a sgapadh mu thachartasan Gàidhlig.

Tha duilleag aig Sabhal Mór Ostaig, Naidheachd an t-Sabhail, an t-Saoghail agus na Gàidhlig, anns a bheil trusadh de cheanglaichean a-null gu iomadh seirbheis naidheachd.

2004-09-13 CPD