Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cuairt Oileanaich na Colaiste 2013

Mar phàirt den bhliadhna sa bheil Sabhal Mòr Ostaig a’ comharrachadh 40 bliadhna bhon a chaidh a’ cholaiste a stèidheachadh, tha oileanaich bhon BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta gu bhith dol air chuairt air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean sa Mhàrt, far am bi iad, còmhla ri luchd-ciùil eile le ceangal ris a’ cholaiste, a’ cluich aig diofar chonsairtean.

Bidh a’ chuairt a’ tòiseachadh Dihaoine 8 Màrt nuair a bhios na h-oileanaich a’ dèanamh air Uibhist far am bi iad a’ cluich do luchd-obrach is sgoilearan Sgoil Lìonacleit mus tog iad orra a Bharraigh airson consairt agus dannsa air an oidhche còmhla ri Dàimh, còmhlan a thàinig còmhla aig a’ cholaiste o chionn còrr is deich bliadhna. Bidh na h-oileanaich an uair sin ann an Uibhist a Deas air 9 Màrt airson consairt aig àm diathaid Disathairne ann an Talla Staoinibrig, a chaidh a leasachadh às ùr o chionn ghoirid, agus bidh iad a’ cumail bùithtean-obrach do dh’òigridh na sgìre an sin cuideachd. Mus fhàg iad Uibhist bidh na h-oileanaich a’ dèanamh consairt is dannsa eile còmhla ri Dàimh ann an Talla an Ìochdair air oidhche Shathairne. An ath Dhihaoine, 15 Màrt, bidh na h-oileanaich a’ cluich sa Cheilidh Place ann an Ulapul còmhla ris an t-seinneadair Ghàidhlig iomraiteach Christine Primrose a tha air a bhith air sgioba obrach na colaiste nas fhaide na duine sam bith. Thig na h-oileanaich cruinn còmhla an uair sin còmhla ri Ailean Dòmhnallach aig a’ cholaiste fhèin Diardaoin 21 Màrt agus an uair sin cuiridh iad crìoch air a’ chuairt aca ann an Tiriodh Dihaoine 29 Màrt agus iad a’ cluich còmhla ri Ceòladair na Colaiste, Màiri Anna NicUalraig.

Bidh na h-oleanaich cuideachd a' togail airgead a thogail airson buidhnean-carthannais ionadail le bhith gabhail tabhartasan agus a’ ruith rafal aig na consairtean. ’S iad na buidhnean-carthannais dham bi na h-oileanaich a’ toirt taic: Cobhair Bharraigh, Maighstir Cailean ann an Ecuador; Young Carers an Eilein Sgitheanaich; agus Cùram Thiriodh.

Cinn-là nan Consairtean

8 Màrt: Barraigh: Talla Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil aig 7.30f le Dàimh, agus dannsa an dèidh làimhe

9 Màrt: Uibhist a Deas: Talla Iochdair aig 7.30f le Dàimh, agus dannsa an dèidh làimhe

15 Màrt: Ullapul: The Ceilidh Place aig 7.30f le Cairistiona Primrose

21 Màrt: An t-Eilean Sgitheanach: Sabhal Mòr Ostaig aig 7.30f le Ailean Dòmhnallach

29 Màrt: Tiriodh: An Talla aig 7.30f le Màiri Anna NicUalraig

 

 --}