Móran taing gu Reinhard F. Hahn (Ron) bho Lowlands-L airson tòrr mholaidhean agus cheartachaidhean.
Taing gu Dennis King (Donncha) airson comhairle mu na h-ainmean
Gàidhlig air na teaghlaichean chànan.
Taing gu na daoine a leanas a thug molaidhean dhomh:
|
Aindreas Vogel Alexey Mitroshin Bogdan Banu Cate Emerson Chuan Pablo Claus D. Pusch Daniel Taddone Dàvide Sivèro |
Enrique Lizondo Gebhard Kraft Georg Deutsch Geraint Jennings Guido Mensching Harald Süpfle Heikki Isomaki Howard McComas |
Iain Mac an Tàilleir Jeff Kish Juris Kibuls Kimberli Mäkäräinen Nino Atria Olaf Klöcker |
Peter Ertel Philippe Argouarch Philippe Etxegorri Sergio Franzese Vassili Nikolaev Yiannis Vitaliotis |
Taing gu Evan Antworth aig an SIL airson na duilleagan fo-theaghlach a chruthachadh anns an stòr-dàta Ethnologue, gus am b'urrainn dhomh ceanglaichean a dhèanamh a-null thuca.
Taing do iomadh duine eile, oir aig an toiseach cha robh mi a' cumail liosta de na daoine a thug molaidhean dhomh.
Bhidhinn gu math taingeil do dhuine sam bith eile a b'urrainn ceartachaidhean a chur chugam, no molaidhean a thaobh links ùra, no a thaobh links a bu chòir a bhuntainn den liosta air sgàth's gu bheil links nas fheàrr na iad ann a-nise. Chan eil eòlas agam fhìn ach air fìor bheag de na cànain a th'air an liosta seo.
An àite mise torr cheanglaichean a dhèanamh airson gach cànan, b'fheàrr liom ceangal a dhèanamh ri dhà no trì no ceithir de làthraich a tha iad fhéin fìor mhath a thaobh fiosrachadh agus ceanglaichean. Bu toigh liom fiosrachadh a bhith ann anns a' chànan fhéin airson a luchd-labhairt, agus cuideachd beagan fiosrachaidh mun chànain airson daoine eile.
Caoimhín Ó Donnaíle (caoimhin@smo.uhi.ac.uk)