Comhairle a thaobh cheanglaichean a tha briste

Ma thig thu air ceangal a tha briste air an làraich againn gu duilleig a tha thu ag iarraidh fhaicinn agus a tha air falbh bho làraich eile, gu math tric gheibh thu lorg air seann lethbhreac den duilleig gun móran strì.

A’ chiad rud a dh’fheuchas tu, ’s e lethbhreac de sheòladh na duilleig a chur a-steach dhan WayBack Machine. Is tric a gheibh thu seann lethbhreac dhith gu math furasta san dòigh sin.

Air neo, dh’fhaodadh tu feuchainn ri dhol gu seann lethbhreac de làrach an t-Sabhail air an WayBack Machine, agus do shlìghe a dhèanamh a dh’ionnsaigh na duilleige bhon àite sin.

Ma ’s ann bho chionn ùine goirid a dh’fhalbh an duilleag bhon Eadarlìon, agus ma tha sreath beag de dh’fhaclan bhon duilleig air eòlas agad (’s dòcha bho sheann lethbhreac dhith a fhuair thu air an WayBack Machine), tha teansa ann gum faigh tu lethbhreac caran ùr dhith a tha taisgte aig Google no aig Yahoo no aig inneal rannsachaidh eile. (Tha teansa eadhon ann gum faigheadh tu lorg le Google air an duilleig fhéin, ’s i air imrich gu seòladh ùr air an Eadarlìon.)

(Ma bhios am Wayback Machine slaodach, dh’fhaodadh tu an sgàthan aig bibalex.org fheuchainn.)

2006-01-18 CPD