Seòrsaichean cùrsa a tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhainn
- Cùrsaichean Làn-tìde
- 'S iad seo prìomh obair na Colaiste. Tha na cùrsaichean
làn-tìde a' ruith bhon t-Sultainn dhan Ògmhìos. 'S ann tro mheadhan na Gàidhlig
a tha an teagasg agus na deuchainnean gu lèir. 'S urrainn dhut cùrsa
aon bhliadhna, dà bhliadhna, trì bliadhna (Ceum MA) no ceithir bliadhna
(Ceum MA le Urram) a dhèanamh. Tha Dioploma
ann an Telebhisean agus Ioma-Mheadhan Gàidhlig ga thabhann cuideachd.
- Cùrsaichean Goirid
- Cùrsaichean aon-sheachdainn dhan chuid as motha. 'S ann
as t-samhradh nuair a bhios na h-oileanaich làn-tìde air falbh a tha a'
chuid as motha dhiubh a' ruith, ach bidh feadhainn ann aig àm na Caisge
agus àmanan eile den bhliadhna. A bharrachd air na cùrsaichean Gàidhlig,
le ceithir diofar ìrean a' ruith còmhla mar as trice, tha cùrsaichean ann
ann an ceòl, seinn, dannsa agus iomadh chuspair eile cuideachd. Mar as trice,
's ann tron Bheurla a tha iad gan teagasg, ach tha Gàidhlig aig cuid mhòr
den luchd-teagaisg agus bidh iad toilichte Gàidhlig a bhruidhinn ribh.
- Cùrsaichean air Astar
- An Cùrsa Inntrigidh
- 'S e cùrsa air astar le taic a th' anns a' Chùrsa Inntrigidh airson fìor
luchd-tòiseachaidh sa Ghàidhlig. Tha an cùrsa a' cur barrachd cudroim air
sgilean èisteachd agus labhairt na air sgilean sgrìobhaidh. 'S e amas a'
Chùrsa brosnachadh a thoirt seachad a thaobh còmhradh a chumail sa Ghàidhlig.