From: Doileag Nicleoid
Date: 02/20/03 02:00pm

A Thormoid Choir

Aig coinneamh de Cho-Chomataidh Leasachaidh na Gaidhlig air Diciadain 19
Gearran 2003, chaidh aontachadh gun deidheadh post-dealain a chuir chun
t-Sabhail Mhoir a cuir mealla-naidheachd oirbh as leth Chomhairle nan Eilean
Siar air an duais ion-mholta a chaidh a bhuileachadh oirbh leis a'
Bhan-righ. Tha e na adhbhar prois gu bheil a' Ghaidhlig a' faighinn an
inbhe air a bheil i gu math airidh agus tha cliu na Colaisde a-nis air a
thogail gu naiseanta agus gu dearbh gu eadar-naiseanta. 'S math a rinn
sibh. Tha sinn a' tuigse bho bhrath-naidheachd gu bheil Riaghaltas na
h-Alba iad fhein an duil urram eile a bhuileachadh oirbh - tha sibh airidh
air gach aon. An tuilleadh neart dhuibh.

le gach deagh dhurachd

Ruairidh Moireach
Iar Neach-Gairm
Comhairle nan EileanSiar