Eilidh NicLeòid agus Aonghas MacCoinnichCEÒLMHOR OSTAIG

Bha Sabhal Mòr Ostaig na àite trang is beòthail Diardaoin (25.09.03) nuair a dh'fhoillsich Iain Dòmhnallach, Neach-Ciùil na Colaiste, an clàr ùr aige, Ceòlmhor Ostaig.

Tha Iain air a bhith ag obair sa Cholaiste o chionn còig bliadhna agus tha e air ionnsachadh a thoirt do dh'iomadh oileanach san ùine sin. Tha Iain air oileanaich is luchd-obrach na Colaiste a thoirt còmhla air a' chlàr, nam measg Cairistìona Primrose, Julie Fowlis, Brian O hEadhra, Aonghas MacCoinnich agus Aonghas Phàdraig Caimbeul. Tha deagh mheasgachadh de phìosan èisteachd air a' chlàr, a' toirt a-staigh òrain, pìobaireachd, puirt-a-beul, clàrsach, bàrdachd agus sgeulachd.

Thuirt Iain: "Mar cheòladair an t-Sabhail Mhòir tha e air còrdadh rium a bhith a' tachairt, a' teagasg agus a' cluich còmhla ri iomadh neach-ciùil.Aonghas Phàdraig CaimbeulA bharrachd air an luchd-ciùil tha seinneadairean, bàird agus daoine ealanta eile air a bhith an sàs ann am beatha na Colaiste sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Tha mi an dòchas gu bheil an clàr ùr seo a' sealltainn do dhaoine an tàlant a th' againn aig a' Cholaiste agus gu bheil e dearbhadh an dàimh eadar ceòl agus cànan."

Thathar an dòchas an clàr a thaisbeanadh a-rithist mar phàirt de dh'Fhèis a' Mhòid san Òban air Dihaoine 17mh latha den Dàmhair. Bidh an fheadhainn a tha rin cluinntinn air Ceòlmhor Ostaig a' gabhail pàirt sa chèilidh mu dheireadh còmhla ris a' chòmhlan-chiùil Meantime. Bidh cothrom aig a h-uile duine pìosan bhon chlàr a chluinntinn agus leth-bhreac a cheannach air an oidhche.

Ma tha daoine sam bith ag iarraidh leth-bhreac a cheannach bhon Cholaiste an-dràsta, feuchaibh fòn a chur gu 01471 888 000 agus gheibhear fear aig £13.00.