|
|
Cothrom dhan choimhearsnachd tadhal air Sabhal Mòr Ostaig

Tha a’ Cholaiste Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite san Eilean Sgitheanach a’ toirt seachad cuireadh do dhuine sam bith tighinn a thadhal orra air Diardaoin 10 Sultain is iad a’ cumail latha coimhearsnachd bho 1.00f. Seo ’nuair a bhios na h-oileanaich a’ tilleadh airson a’ chiad seachdain den bhliadhn’ acadaimigeach ùr is tha dùil aig a’ Cholaiste ri còrr is 170 air cùrsaichean aig an àrd-ire, le 80 dhiubh a’ fuireach air an làrach fhèin.
’S e prìomh amas an latha coimhearsnachd an cothrom a thoirt do dhaoine tighinn a chluinntinn mu obair is leasachaidhean an t-sabhail is coinneachadh ris na h-oileanaich. Mar sin, bidh cuisean a’ tòiseachadh aig 1.00f le fosgladh bùth ùr an t-Sabhail. Bidh cothrom aig daoine turas a ghabhail timcheall na Colaiste fhèin aig 2f, 4f, is 6f is bidh cèilidh is dannsa leis na h-oileanaich is luchd-obrach a’ gabhail àite aig 8.30f. Bidh cuideachd fiosrachadh ri chluinntinn aig 3f is 5f bho diofar bhuidhnean coimhearsnachd a tha ag obair leis a’ Cholaiste is bidh taisbeanadh sònraichte air a thoirt seachad aig 7.15f air na leasachaidhean ùra a tha san amharc le pròiseict na Cille Bige.
Tha Stiùiriche an t-Sabhal Mhòir, Proifeasair Boyd Robasdan, gu mòr airson ’s gum bi fios air obair na Colaisde air a sgaoileadh air feadh an Eilean Sgitheanaich is Loch Aillse:- “Tha àite cudromach aig Sabhal Mòr ann am beatha eaconomaigeach, sòisealta agus cultarach Shlèite agus an t-Srath agus tha a' Cholaiste a' miannachadh an co-cheangal leis a' choimhearsnachd a neartachadh. Tha grunn leasachaidhean cudromach air a bhith aig a' Cholaiste anns na h-ochd mìosan deug mu dheireadh leithid fosgladh an Ionaid airson nan Gnìomhachasan Cruthachail agus Cultarach ann an togalach ùr Fàs agus tha an Latha Fosgailte a' toirt cothrom do mhuinntir an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aills' tadhal air an làraich agus na goireasan agus na seirbheisean a th' aig a' Cholaiste ri thathann fhaicinn dhaibh fhèin. Tha mi an dòchas gun gabh mòran dhaoine an cothrom tighinn a chluinntinn mu na tha dol air adhart aig a' Cholaiste, tachairt ri luchd-obrach agus oileanaich, taisbeanaidhean fhaicinn agus planaichean airson leasachaidhean san àm ri teachd a sgrùdadh.”
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Dòmhnall Angaidh MacIllinnein air àireamh fòn 01471 888325 no le post-dealain gu sm00dam@uhi.ac.uk
|
|