SABHAL MOR OSTAIG A' CUR "EÒLAICHEAN-TADHAIL URRAMACHD NA TIONNSGALACHD" ÙR AN DREUCHD

Tha dithis den luchd-gnìomhachais as soirbheachaile ann an Alba, Dòmhnall Dòmhnallach, stèidheadair agus Cathraiche Gnìomha Macdonald Hotels agus Sir Tom Farmer, stèidheadair agus Àrd Oifigear Kwik Fit International a bha ann roimhe, air aontachadh a dhol an sàs ann an Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson cànan is cultar na Gàidhlig air an Eilean Sgitheanach, mar Eòlaichean-Tadhail Urramach na Tionnsgalachd. Tha dreuchdan fìor ainmeil ann an gnìomhachas air a bhith aig an dithis aca, agus, o chionn fhada, tha iad air a bhith eòlach air obair na Colaiste.

Thuirt Mgr Dòmhnallach, a bhuineas dhan Hearadh, aig a bheil a’ Ghàidhlig bho thus, is a bha uair na bhall de Chùirt Oilthigh Napier, bhon dachaigh teaghlaich aige anns na Hearadh,
“Tha meas mòr agam air obair Sabhal Mòr Ostaig agus air an dòigh-obrach ùr-ghnàthach, bhrosnachail a chur e gu feum on a thòisich e. Gu sònraichte, mar a dh’aithnich e an deagh bhuaidh a bha aig ath-bheothachadh a’ chànain is a’ chultair air ar coimhearsnachdan agus an t-àite cudromach a tha aige ann an leasachadh eaconamach na sgìre air fad. Bho thus, tha Sabhal Mòr air a bhith ag aithneachadh gu bheil e ro chudromach gun tèid sealladh tionnsgalachd a thaiceadh is a bhrosnachadh airson coimhearsnachd na Gàidhlig àrach, a neartachadh is a shoirbheachadh. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri cothrom cur ris a’ phròiseas sin tro na ceanglaichean a tha agam ris an ionad.”

Thadhal Sir Tom Farmer, Seansalair Oilthigh na Bànrigh Mairead, Dùn Èideann, air a’ Cholaiste grunn thursan bho chionn goirid is ghabh e tlachd anns a h-obair. A’ bruidhinn mun dreuchd ùr aige an-diugh, thuirt e,
“Tha cliù eadar-nàiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig mar shàr ionad ùr-ghnàthach, is chaidh sin aithneachadh leis gun deach ‘Duais Cuimhneachan-Bliadhnail na Bànrigh’ a bhuileachadh air. Tha e riamh air a bhith deònach crìochan a ghluasad air adhart, aghaidh a chur ri dùbhlain agus cothroman a ghabhail agus, le bhith a’ toirt air adhart cultair deimhinneach ‘gabhaidh a dhèanamh’, dh’fhàs e a bhith aon de na leasachairean eaconamach as cudromaiche san sgìre. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur ri a h-obair chudromach gus iomairt a bhrosnachadh agus luchd-tionnsgain an ama ri teachd àrach”

Thuirt Stiùiriche ùr Sabhal Mòr Ostaig, an t-Àrd Ollamh Boyd Robasdan, mun dreuchdan,
“Tha e na thoileachas mòr dhomh gu bheil sinn air seirbheisean luchd-gnìomhachais cho cliùiteach is comasach fhaighinn. Bidh an cur-a-steach a’ leudachadh is a’ leasachadh na tha Sabhal Mòr a’ cur ri ath-bheothachadh eaconamach is sòisealta an Eilein Sgitheanaich. Bidh an sàr eòlas ann an tionnsgalachd a’ toirt comas dhan Cholaiste na gnìomhachasan cruthachail is cultarach a tha stèidhichte mar-thà anns an togalach Fàs a leasachadh, agus bidh iad a’ nochdadh na feallsanachd a chuir Sir Iain Noble air adhart nuair a stèidhich e a’ Cholaiste ann an 1973.”

A’ bruidhinn bhon phrìomh oifis ann am Fàs, thuirt Donella Pheutan, Ceannard Cànan, companaidh shoirbheachail na Colaiste,
“Gun teagamh, airson ’s gum bi daoine, gnìomhachasan agus coimhearsnachdan a’ coileanadh an làn chomasan aca is a’ soirbheachadh ann am margadh an t-saoghail, feumaidh sealladh tionnsgalach, ùr-ghnàthach a bhith aca, cho math ri sàr sgilean. Tha mi cho toilichte gum bi dithis aig a bheil cliù eadar-nàiseanta ag obair còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig. Tha seo na chothrom mìorbhaileach dhan a h-uile duine a tha ceangailte ris a’ Cholaiste ionnsachadh bho dhaoine a dhearbhaich dè as urrainn dhaibh a dhèanamh agus dè ghabhas dèanamh”

Tha Fàs, an t-Ionad ùr airson nan Gnìomhachasan Cruthachail is Cultarach aig Sabhal Mòr a-nis ag obair aig àrd a’ chomais is tha e na dhachaigh do ghrunn phròiseactan mòra eadar-nàiseanta, companaidhean agus iomairtean ann an dualchas cultarach, na gnìomhachasan cruthachail, na meadhanan ùra agus na h-ealain. Cuideachd, tha e na dhachaigh do Stiùideothan ùra MG Alba, tè de na stiùideothan TBh as adhartaiche ann an Alba a thaobh goireasan clàraidh agus iar-riochdachaidh. Tha Sabhal Mòr an-dràsta a’ leasachadh phlanaichean airson an ath cheum den ro-innleachd fearainn-thogalach aige.

Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh SMO,
“Tha Sabhal Mòr a-nis ag obair is e làn agus, mar sin, tha cruaidh fheum air leudachadh ma tha sinn a’ dol a choileanadh feumalachdan leasachaidh a’ chànain is a’ chultair. An-dràsta, tha sinn a’ coimhead air farsaingeachd de chothroman brosnachail agus com-pàirteachasan ro-innleachdail a bheir comas dhuinn an ath cheum den ro-innleachd fearainn-thogalach againn a lìbhrigeadh agus cuideachd a mheudaicheas am bun-structair agus na goireasan a tha a’ frithealadh na coimhearsnachd ionadail”.

Thuirt Raibeart Muir, Manaidsear Sgìre HIE airson Loch Abar, An t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar, an-diugh,
“Tha làn-phàirt air a bhith aig HIE ann an leasachadh Sabhal Mòr Ostaig agus Fàs. Tha na bhios iad sin uile a’ cur ris an eaconamaidh ionadail, roinneil agus nàiseanta agus do dh’ionnanachd na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ tabhann piseach air leth math air an airgead a chuir a’ bhuidheann seo an seilbh. Tha e na dhearbhadh air euchdan SMO gu bheil e air Eòlaichean Urramach de dh’àrd inbhe ann an tionnsgalachd leithid Sir Tom Farmer agus Dòmhnall Dòmhnallach a thàladh. Leis gum bi inntinnean gnìomhachais cho geur an sàs, bidh e, gun teagamh, na chuideachadh nach beag dhan Cholaiste a làn chomais a choileanadh.”