GUTHAN NAN EILAEAN A' SGAOILEADH

MegTha am pròiseact cànain cliùiteach, ‘Guthan nan Eilean’, a tha air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig, air an ath cheum a ghabhail a-nis, an dèidh ionmhas fhaighinn on Mhaoin Shòisealta Eòrpaich. Bha a’ phròiseact dhà-chànanach do luchd-ionnsachaidh is luchd-oide na Gàidhlig is na Beurla stèidhichte an toiseach ann an Uibhist, ach, aig an dàrna ìre seo, sgaoilidh am pròiseact a-mach a dh’àiteachan eile anns na h-Eileanan.

Mar phàirt dhen phròiseact, bidh trèanadh air a thabhann do luchd-oide agus an cuid oileanach a tha airson na sgilean bhideo aca a leasachadh. Ann an co-bhoinn ri Cothrom agus buidhnean eile, cuiridh Sabhal Mòr Ostaig sreath de bhùithtean-obrach air dòigh sna h-Eileanan Siar agus san Eilean Sgitheanach airson cothrom a thoirt do dhaoine a tha airson an sgilean clàraidh is deasachaidh a leasachadh. Thuirt Gòrdan Wells, Co-òrdanaiche na pròiseict, “Chan eil agad ach ri coimhead air YouTube agus chì thu mar a tha teicneòlas ùr a’ toirt cothrom do dhuine sam bith a tha airson film a dhèanamh. Bidh na bùithtean-obrach againn a’ sealltainn cho sìmplidh ‘s a tha e film a dhèanamh agus ‘s ma dh’fhaoidte gum brosnaich e luchd-oide gus obrachadh còmhla ri luchd-ionnsachaidh aig gach ìre dhen riochdachadh”. Ma tha ùidh agad anns a’ ghnothach, leig fios do Ghòrdan air 07879 644984 no info@gordonwells.co.uk

Tha an Dàrna Ìre dhen phròiseact co-cheangailte ris an àrainneachd is cuspairean traidiseanta a leithid gearradh na mòine is feannagan cho math ri spòrs an latha an-diugh mar surfadh. Cuiribh post-d no fòn gu Gordon ma tha beachd sam bith agaibh a chuireadh ris a’ phròiseact.