Sabhal Mòr Ostaig a’ cur Fàilte air Luchd-Ealain Ùra

Ceumnachd 2009

Tha Sabhal Mòr Ostaig air Sgeama Luchd-Ealain na Colaiste a chur air chois airson a’ bhliadhna ri thighinn agus air na ceathrar a bhios a’ gabhail pàirt ann ainmeachadh.  Bidh Rody Gorman na dhreuchd Sgrìobhadair na Colaiste, tha Ailean MacEanraig air fhastadh mar Neach-ciùil na Colaiste agus bidh Dr Gill Russell agus Dr Norman Shaw a’ togail air obair na h-Ealain Lèirsinneachd aig a’ Cholaiste. 

Tha na h-obraichean, a th’ air am maoineachadh le Comhairle na h-Ealain Alba agus Sabhal Mòr Ostaig agus le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Ealain an Alba (RSA), a’ togail air an sealladh farsaing a th’ aig a’ Cholaiste air na h-ealain, le bhith a’ tarraing na trì raointean sònraichte còmhla agus a’ toirt cothrom air co-obrachadh ann an suidheachadh beartach, brìoghmhor, ealanta. 

‘S ann o chionn treis a thòisich an sgeama luchd-ealain aig a’ Cholaiste, nuair a chaidh obair Sgrìobhadair na Colaiste a chruthachadh le na chiad Urrasairean mar aithneachadh air an àite chudromach a bh’ aig na h-ealain do leasachadh is brosnachadh a’ chànain is a cultair. 

Tha iomadh sgrìobhadair Gàidhlig an Alba air pàirt a ghabhail agus buaidh a thoirt air an obair chudromach seo on uair sin.  Nam measg am bàrd sònraichte ainmeil, Somhairle MacGilleathain, agus e fhèin air buaidh mhòr a thoirt air iomadh sgrìobhadair, bàrd agus neach-ealain air feadh an t-saoghail, aonan dhiubh Seumas Heaney a choisinn an duais Nobel.  Thàinig Heaney gu Sabhal Mòr Ostaig air a’ chuairt aige gu Hallaig air Eilean Ratharsair, baile aithnichte ann am bàrdachd MhicGilleathain. 

Tha cuid de na sgrìobhadairean is bàrd as aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig an Alba cuideachd air obair Sgrìobhadair na Colaiste a ghabhail, nam measg Aonghas MacNeacail, Aonghas Padraig Caimbeul agus Alasdair Caimbeul (Alasdair a’ Bhocsair), is iad fhèin air a’ cur gu mòr ri beartas litreachas na h-Alba.

Chaidh obair Neach-ciùil na Colaiste a chur air bhonn o chionn bliadhna no dhà nuair a ghabh Iain Dòmhnallach às Gleann Ùige an obair os làimhe agus o chionn ghoirid thug Comhairle na h-Ealain Alba taic don Cholaiste obair na h-Ealain Lèirsinneachd a chur ris an Sgeama mar a tha e an-diugh. 

Thuirt Donnie Rothach, Stiùiriche Leasachaidh na Colaiste: “Tha Sabhal Mòr Ostaig fada an comain Comhairle na h-Ealain Alba agus an RSA airson an cuid taic an sgeama ùr chruthachail seo a chur air adhart.  Thathar ag aithneachadh o chionn fhada an àite a th’ aig sgrìobhadairean, seinneadairean agus luchd-ciùil don chànan is don chultar, ach tha àite na h-ealain agus cultar lèirsinneach ri dhaingneachadh fhathast.  ‘S ann air thoradh air sin gu bheil e dha-rìreabh math gu bheil Comhairle na h-Ealain Alba agus Urrasairean an t-Sabhail Mhòir air ceum a ghabhail na h-ealain lèirsinneach a bhrosnachadh ann am beatha na Colaiste, fo bhuaidh cànan, cultar agus dualchas nan Gàidheal. 

B’ e dithis a ghabh obair na h-ealain lèirsinneachd aig a’ Cholaiste an-uiridh; am fear òg le Gàidhlig Eòghan Mac Colla, a chaidh a mholadh airson duais mhòr Eòrpach agus an tè ainmeil Kate Whiteford bhon RSA.  Tha an dithis air an obair aca a thaisbeanadh gu soirbheachail aig an RSA ann an Dùn Èideann on uair sin agus pìosan a rinn iad fhads a bha aig a’ Cholaiste nam measg. 

Mairidh na h-obraichean uile air an Sgeama airson bliadhna.