BÀRD SGITHEANACH AIR DUAIS EADAR-NÀISEANTA A CHOSNADH

Dealbh air Rob MacIlleChiar, a choisinn prìomh dhuais aig an 16mh Féile FilíochtaTha bàrd a tha a' fuireach san Eilean Sgitheanach air duais mhòr a bhuannachadh aig farpais bhàrdachd eadar-nàiseanta ann an Èirinn. Choisinn Rob MacIlleChiar, a bha na Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig, prìomh dhuais na farpais airson dàn ann an Gàidhlig aig an 16mh Féile Filíochta, a chaidh a chur air bhonn le Comhairle Contae Dhun Laoghaire - Ráth an Duin.

Tharraing an fharpais còrr is 6000 dàin ann an naoi cànanan, le Gàidhlig na h-Èirinn, Beurla, Frangais, Gearmailtis, Cuimris is Gàidhlig na h-Alba nam measg.

Ged a bha an fharpais air a sgeadachadh le dàin à sàr bhàird na Gàidhlig, 's e bàrdachd Rob a thàinig am bàrr is fhuair e 800 Euro mar dhuais. Am measg nam bàrd eile bha Meg Bateman a fhuair an dàrna duais is Aonghas Dubh MacNeacail, a bha na Sgrìobhaiche Albannach na Bliadhna, a bha san treas àite.

Tha na bàird sin a' daingneachadh nan ceanglaichean làidir eadar Sabhal Mòr Ostaig is an fharpais seo - tha Bateman na h-òraidiche aig a' Cholaiste Ghàidhlig is b' àbhaist Aonghas Dubh a bhith na sgrìobhaiche anns an dearbh àite. Bhon a chur Féile Filíochta duais Ghàidhlig air chois, chan eil ach aon bhàrd ann a shoirbhich aig nach robh ceangail ris an t-Sabhal.

Bhuannaich MacIlleChiar leis a' dhàn "Àiteachadh" dèante mar a tha an cleachdadh ann an rann goirid. Bidh Rob a' tionndadh bàrdachd à cànanan eile gu Gàidhlig cho math ris an sgrìobhadh aige fhèin. O chionn goirid chaidh e a thaobh iar-thuath nan Stàitean Aonaichte far an d' fhuair e eòlas air bàrdachd tùsanaich na h-Aibhne ann an Stàit Washington.

"Le cuideachadh às nam faclairean fuaimneachaidh," thuirt e, "b' urrainn dhomh eadar-theangachadh a dhèanamh air a' bhàrdachd aca. Ach mar as àbhaist, bha e cho follaiseach na ceanglaichean fhaicinn eadar bàrdachd na Gàidhlig is bàrdachd an t-Saoghail. Ma bheirear sùil air bàrdachd Tùsanaich na h-Aibhne, chithear gu bheil spèis aca don bhradan - air a bheil iad a tighinn beò - direach mar a bha aig na Ceiltich nan uirsgeulan mu dheidhinn bradan a' ghliocais. "

"Bidh na ceanglaichean bunaiteach seo, eadar sliochdan à gach ceàrn den t-saoghal, a' nochdadh nan cuid bàrdachd. Bha mi fhèin air mo bheò ghlacadh leis na ceanglaichean ceudna eadar a' Ghàidhlig is seann bhàrdachd Shìneach."

A thaobh an 800 EURO a bhuannaich e "'s ann air èiginn a phàigh e airson an ticead a thighinn a dh'fhaighinn na duais! Thug an turas air fad tlachd is toileachas dhomh."

Tha obair an Sgrìobhadair a' faighinn taic-airgid bho Chomhairle Ealain na h-Alba (SAC) . Thuirt Gavin Wallace, a tha os cionn Litreachais aig an SAC, "Tha an sgeama seo na dheagh chothrom dhaibh an cuid sgrìobhaidh a leasachadh a bharrachd air a bhith ga bhrosnachadh taobh a-staigh an coimhearsnachd fhèin agus tha sinn fìor thoilichte mun duais aig Rob. "

Tha Rob air leantainn an caochladh de sàr sgrìobhadairean Ghàidhlig - gach cuid aig an robh Gàidhlig bho thùs agus a' dh'ionnsaich a' chànan - aig an robh cothrom a bhith nan sgrìobhadairean aig Sabhal Mòr Ostaig. Nam measg bha Somhairle MacGill-Eain, Aonghas Dubh MacNeacail, Aonghas Pàdraig Caimbeul agus Rody Gorman.

Rugadh Rob ann an Kames, faisg air Taigh na Bruaich ("far an robh Gàidhlig ga bruidhinn le mo sheanair is sheanmhair ach bha mo phàrantan air a' chànan a call"). Chaidh e dhan sgoil ann an Strath-chura agus anns an t-Òban mus deach e a dh'obair airson Coimisein nan Coilltearan. Dh'fhàs e gu math dèidheil air a bhith a' sreap chreagan 's bha e an uairsin an sàs le Nevisport ann an Glaschu, a' Ghearasdan agus an Aghaidh Mhòr, mus do ruig e a' cho-dhùnadh barrachd foghlam fhaighinn.

Rinn e cùrsa ann am matamatics ann an Colaiste Langside ann an Glaschu, agus fhuair e an uairsin obair mar mhion-sgrùdair phrògraman choimpiutaireachd. Ach chur tachartas na bheatha phearsanta tuath a rithist e: an turas seo gu Ceann Loch Lìobhann - "faisg gu leòr 's gu robh mi a' faireachdainn ag an taigh" - le obair a' teagaisg sreap....agus le àite air cùrsa bogaidh Gàidhlig, a bha ga ruith le Colaiste Inbhir Nis, ann an ionad An Àird sa Ghearasdan . "An uairsin chunnaic mi sanas sa phàipear bheag" thuirt e, "airson cùrsa aig an t-Sabhal. Chaidh mi a-staigh air a shon, agus dh'fhuirich mi gus an do chur mi crìoch air BA Cànan agus Cultar na Gàidhlig."