|
|
TURRAS HIE CHUN AN T-SABHAIL
Thadhal buidheann bho Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean air an t-Sabhal Mhòr o chionn ghoirid far an d’fhuair iad cuairt air Fàs, an t-ionad ùr airson gnìomhachasan cruthachail is cultarail, a chaidh fhosgladh anns a’ Ghiblean an-uiridh. Thug Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean tabhartas chudromach is adhartach do Fàs a chosg £8 millean agus anns a bheil ionadan gnìomhachais is iomairtean eile co-ceangailte le ealain, cultar is dualchas na Gàidhlig.
Dealbh bhon taobh chlì: An t-Siorram Ruairidh Iain MacLeòid, Cathraiche Bòrd Urras an t-Sabhail Mhòir; Robert Muir, Manaidsear na Sgìre, HIE; John Watt, Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachdan, HIE; Sandy Cumming, Àrd-Oifigear, HIE; an t-Oll. Boyd Robasdan, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig agus Donnie Rothach, Stiùiriche Leasachaidh, Sabhal Mòr Ostaig.
|
|